Liosan air màl do Steòrnabhagh

  • 2 An Dùbhlachd 2013
Lios
Tha dùil gum bi timcheall air 30 lios san sgeama.

Chaidh pròiseact ùr a chur air dòigh ann an Steòrnabhagh far a bheil liosan gan toirt seachad air màl.

'S iad Buidheann Ghàrnairleachd Leòdhais agus na Hearadh a tha os a chionn.

Fon phròiseact thèid pìosan talmhainn air cùl Colaiste a' Chaisteil, anns a' Ghearradh Chruaidh, a thoirt do dhaoine a dh'iarras an cuid ghlasraich fhèin fhàs.

Tha fèill mhòr air liosan ann am mòran sgìrean o chionn beagan bhliadhnaichean, agus barrachd is barrachd dhaoine airson an cuid fhèin fhàs.

Treabhadh

"Bha dùil againn gum biodh beagan de dh'obair againn airson daoine fhaighinn airson lìonadh an àite," thuirt Aonghas Moireach, a tha an sàs sa bhuidhinn.

"Ach a rèir nan àireamhan a tha sinn a' faighin a-steach tha an t-uabhas ag iarraidh pìos beag talmhainn.

"Mar a tha cùisean a' fàs cho daor 's cho gann an-diugh tha iad ag iarraidh na glasraich aca fhèin a chur, 's gum bi iad aca fhèin.

"Ma tha duine sam bith ag iarraidh an ainm a chur a-steach airson pìos talmhainn fhaighinn, faodaidh iad tighinn thugainn, dhan mhargaid Disathairne.

"Chan eil mi buileach cinnteach cionnas a chuireas sinn a-mach iad fhathast, an e, mar gun canadh tu "lucky dip" a bhios ann, no "gheibhear mar a thigear", ach chì sinn mar a dh'obraicheas e a-mach.

"Chan eil mi cinnteach co mheud a bhios againn fhathast.

"Bidh sinn an dòchas gum bi 30 againn, ach an-dràsta tha faisg air 20 ainm againn.

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh iad timcheall air 20 troigh de leathad, agus timcheall air 50 troigh de dh'fhaid.

"Tha sinn an dèis feansa ùr a chur timcheall air an àite, agus an dèis a threabhadh.

"Ach tha sinn an dòchas gum faigh sin air a rotabhatadh ro dheireadh na bliadhna.

"Ach às dèidh dhuinn na stoban a chur ann, bidh iad an uair sin deiseil airson an cur a-mach air màl.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' bruidhinn air gum biodh am màl timcheall air £25 sa bhliadhna.

"Bidh iad a' coimhead ris cuideachd gum feum iad a bhith nam buill den bhuidhinn, 's tha sin a' cosg £17 sa bhliadhna cuideachd airson nan rudan a bhios sinn a' cur air adhart son na margaid, na stallaichean 's rudan den t-seòrsa sin, 's an àrachas is rudan den t-seòrsa sin.

"Tha sin a' cosg airgid, 's feumaidh sinn airgead a thoirt a-steach airson a bhith a' pàigheadh nan rudan sin.

"Bidh parcadh gu leòr ann dhan a h-uile duine aig an làraich cuideachd," thuirt iad.