Dragh mu shiùrsachd an Inbhir Nis

  • 2 An Dùbhlachd 2013
Boireannach le a ceann na làimh
Thuirt an aithisg nach e trioblaid mhòr a bh' ann an siùrsachd air Ghàidhealtachd.

Tha boireannaich le triobliadean dhrogaichean ag obair mar shiùrsaich ann an sgìre Inbhir Nis, a rèir aithisg a thèid air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo.

Tha an t-Àrd-Superintendent Julian Innes ag ràdh ge-tà, nach eil siùrsachd na trioblaid mhòir air Ghàidhealtachd.

Thèid an aithisg air beulaibh Chomhairlichean Diardaoin.

Tha e ag ràdh nach eil siùrsachd air na sràidean na trioblàid mhòir air a' Ghàidhealtachd, ach gu bheil sgrùdadh air an eadar-lìon a' sealltainn gu bheil siùrsachd a' dol air adhart san sgìre.

Thuirt e gur ann an taighean-òsta agus taighean prìobhaideach a tha seo stèidhichte.

Tha an aithisg aig an Àrd-Superintendent Innes a' togail gu sònraichte air boireannaich le trioblaidean dhrogaichean ann an Inbhir Nis, is e ag ràdh gun deach brath a ghabhail air cuid dhiubh a dhol ag obair mar shiùrsaich sa bhaile.