Buidheann aillse sna Hearadh

  • 29 An t-Samhain 2013
Euslainteach aillse
Bidh a' choinneamh fosgailte do dhuine sam bith.

Tha a' bhuidheann taic son fireannaich le aillse sna h-Eileanan an Iar am beachd meur ùr a thòiseachadh anns na Hearadh.

Tha iad stèidhichte an-dràsta ann an Steòrnabhagh a-mhàin, agus a' toirt taic do dhuine sam bith air a bheil aillse, no a tha air a bhith leis roimhe.

Bidh coinneamh air an Tairbeart an t-seachdain seo tighinn airson beachdachadh air obair na buidhne a leudachadh.

"Tha a' bhuidheann air a bhith a' dol suas ri còig bliadhna a-nis, agus a' coinneachadh gu h-àraid a h-uile feasgar Dihaoine eadar 2:00f agus 4:00f an Ceann a' Bhàigh anns an Retirement Centre," thuirt an Dr Fionnlagh MacLeòid, a tha air comataidh buidheann Leòdhais.

Black Humour

"'S urrainn dha duine tadhail a-steach mar a tha e fhèin ag iarraidh.

"Tha luchd-cuideachaidh ann cuideachd air nach robh aillse, ach a' chuid as motha, tha iad le aillse, no air a bhith le aillse.

"'S e prìomh adhbhar na buidhne a bhith a' toirt còmhraidh is taic dha chèile, tòrr dibhearsain, tòrr "black humour" bhon a tha gu leòr dhiubh air a thighinn tro àmhghar, agus le slàinte bhriste agus aillse air a bhith orra, far a bheil an aillse, buinidh e ri ball sam bith dhe do chorp mar a tha fhios againn.

"'S mar sin, tha daoine ann a tha a' bruidhinn air a h-uile càil a tha sin, ach cuideachd a' bruidhinn air a h-uile rud eile.

"Bhon am measg aillse tha rudan eile a' tighinn na chois. Uaireannan tha duine a' faireachdainn ìosal, bhon tha an corp mar gum biodh air a dhol sìos, 's chan eil e a' tuigsinn dè th' ann.

"'S e seòrsa de chogadh a th' ann.

"Bithte ag ràdh nach eil fireannaich cho deònach bruidhinn air am bodhaig 's mar sin.

"Ach gu dearbha, nuair a tha thu air a thighinn tro àmhghar agus ana-cothrom is euslaint, mar as trice tha thu deònach gu leòr bruidhinn air agus taic a thoirt do dhaoine eile.

"'S bidh a' bhuidheann a tha seo, ma bhios duine ag iarraidh, bidh iad a' tadhail air daoine anns na dachaighean aca fhèin, no ann an ospadal, daoine a tha air am bualadh sìos le aillse.

"Tha e anabarrach feumail. Bhon ma tha thu ann an ospadal, tha daoine eile timcheall ort, a tha iad fhèin ann an càs.

"Ach nuair a tha thu a' tighinn a-mach à ospadal 's urrainn dhut uaireannan a bhith air d' fhàgail leat fhèin.

"Tha a' bhuidheann a' sgaoileadh a-mach, agus Dimàirt seo tighinn, sin an 3mh là den Dùbhlachd, thathas a' dol dha na Hearadh.

"Tha coinneamh fhosgailte - cho fosgailte 's as urrainn dhi a bhith - gu bhith ann an Taigh-òsta na Hearadh aig 7:30f.

"Tha sin fosgailte dhan a h-uile duine - daoine le aillse, no teaghlaichean no luchd-cuideachaidh - gus 's dòcha coimhead ri buidheann a chur air chois sna Hearadh, no barrachd cheangail a dhèanamh ris a' bhuidhinn a th' ann an Steòrnabhagh.

"Tha a' bhuidheann fosgailte dha na h-Eileanan an Iar air fad," thuirt e.