Stiùireadh ùr mu pharsailean aig tuath

  • 29 An t-Samhain 2013
Tiodhlacan
Image caption Tha còd giùlain saor-thoileach ann airson prìsean frithealaidh.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba stiùireadh air dòighean gus lìbhrigeadh pharsailean a dhèanamh nas saoire, agus nas fhasa, ann an sgìrean dùthchail.

Tha Ministear na h-Iomairt, Fearghas Ewing, airson 's gun cùm luchd-reic ris na dòighean as fheàrr air parsailean a lìbhrigeadh do dhaoine, gu h-àraid agus an Nollaig a' teannadh oirnn.

Tha e ag iarraidh gun tèid soillearachadh a dhèanamh air mar a tha prìsean giùlain gan obrachadh a-mach.

Thathas cuideachd ag iarraidh air companaidhean roghainnean eile a thoirt do dhaoine nach fhaigh air parsailean fhaighinn aig an dachannan.

Chaidh Buidheann Obrach an Fhrithealaidh Pharsailean a chur air bhonn na bu thràithe den bhliadhna airson coimhead ris a' chùis.

"Tha sinn airson 's gun gabh companaidhean ris an stiùireadh, gus am faigh luchd-ceannaich, gu h-àraid air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, seirbheis nas cothromaiche," thuirt Mgr Ewing.

"Tha an stiùireadh a' daingneachadh a' bheachd nach bu chòir gun tig air daoine barrachd a phàigheadh airson na seirbheis ri linn far a bheil iad a' fuireach," thuirt e.