Sochairean do luchd-cùraim na h-Alba

Cùram Tha aon shochair ri fhaotainn a tha a dh'aona-ghnothaich airson daoine a tha a' toirt cùraim seachad, 's e sin Carers Allowance.

Tha còrr is 30,000 luchd-cùraim làn-ùine an Alba nach eil a' cur a dh'iarraidh nan sochairean air a bheil iad airidh.

Chaidh na figeraran as ùire fhoillseachadh Diardaoin, là nàiseanta an luchd-cùraim.

Tha an carthannas Luchd-cùraim na h-Alba ag ràdh gu bheil teaghlaichean a' fulang le cion-airgid leis nach eil fiosrachaidh gu leòr aca mu na sochairean air a bheil iad airidh.

Tha aon shochair ri fhaotainn a tha a dh'aona-ghnothaich airson daoine a tha a' toirt cùram seachad, 's e sin Carer's Allowance. A rèir coltais, tha mòran riaghailtean na chois.

Riaghailtean

Thuirt Cathy Mhoireasdain, a tha ag obair do Bhiùro Comhairleachaidh a' Phobaill: "Chan e rud a th' ann air a bheil còir agad co-dhiù ma tha thu a' coimhead às dèidh chuideigin - tha tòrr riaghailtean ceangailte ris.

"Ma tha thu ag obair agus a' cosnadh £100 san t-seachdain, chan fhaigh thu e.

"Ma tha thu a' faighinn peinnsein, no rud den t-seòrsa sin, chan fhaigh thu ach timcheall air a dhara leth.

"Ma tha cuideigin ann a tha pòsta agus an duine aca, no a' bhean aca, ag obair, bidh sin ceart gu leòr agus gheibh iad air a chumail. Ach, can gu bheil an duine eile a tha a-staigh còmhla riut air sochairean, bidh iad a' toirt seo bhon t-sochair aca-san.

"Tha e "means tested" anns na suidheachaidhean sin. Tha iad a' dèiligeadh ris mar "overlapping benefit"."

Tha mòran dhaoine aig nach eil fios gu bheil iad airidh air na seòrsachan shochairean seo.

"Tha e cudromach dha-rìribh gum faigh daoine a tha a' coimhead às dèidh dhaoine an taic air a bheil iad airidh," thuirt A' Bh.Ph. Mhoireasdan.

"Tha tòrr dhaoine a' leigeil seachad na h-obrach airson coimhead às dèidh chàirdean agus tha an teachd-a-steach aca a' lùghdachadh.

"'S maithte, ged a bhiodh iad a' faighinn nan sochairean seo, nach biodh iad a' faighinn cairteal de na gheibheadh iad ag obair."

Comhairle

Mhol A' Bh.Ph. Mhoireasdan gum bu chòir do dhuine sam bith a th' anns an t-suidheachadh sin tuilleadh comhairle fhaighinn bhon Ionad-fiosrachaidh no an t-Ionad-obrach as fhaisge.

Tha buidheann a dh'aona-ghnothaich cuideachd stèidhichte air an Tairbeart sna Hearadh - Buidheann Cùraim Coimhearsnachd nan Eilean Siar - agus tha iadsan a' sgaoileadh fiosrachaidh a-mach do dhaoine a th' ann an suidheachaidhean a bhith a' coimhead às dèidh dhaoine.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.