Sgaraidhean ann an gearraidhean buidseat

  • 28 An t-Samhain 2013
Airgead
Image caption Tha na h-Eileanan Siar agus Earra-Ghàidheal is Bòd am measg nan sgìrean as motha a tha a' fulang.

Tha aithisg ùr a' sealltainn gu bheil sgaradh mòr eadar na tha comhairlean na h-Alba a' gearradh, le na h-Eileanan Siar am measg nan àiteachan as motha a tha a' faireachdainn na buaidhe.

Sheall luchd-sgrùdaidh bho Bhunait Eòsaph Rowntree gun tig lùghdachadh de 24% air na bhios aig comhairlean ri chosg gu ruige 2015.

A rèir na h-aithisg, feumaidh comhairlean anns na sgìrean as bochda an Alba barrachd ghearraidhean a dhèanamh air na buidseatan aca na comhairlean sna sgìrean a tha nas fheàrr dheth.

Lorgar cuideachd gu bheil barrachd shàbhalaidhean gan dèanamh air Taobh Siar na dùthcha, seach air an Taobh Sear.

Am measg nan comhairlean as miosa a tha a' fulang tha Comhairle Shrath Chluaidh, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'innis luchd-rannsachaidh gu bheil comhairlean ann an sgìrean nach eil cho math dheth a' gearradh na tha iad a' cosg air gach duine san sgìre aca £90 a bharrachd na tha comhairlean ann an sgìrean nas beartaiche.

Tha an rannsachadh a' toirt seachad rabhaidh gur ann doirbh dha-rìribh a tha e gu bhith do chomhairlean barrachd shàbhalaidhean a lorg san àm ri teachd, agus an t-airgead a tha iad a' faighinn ga lùghdachadh fad na h-ùine.

Thug an fheadhainn a sgrìobh an rannsachadh cuideachd seachad rabhadh gum faodadh sgaradh mòr a bhith ann an cuid de choimhearsnachdan, eadar daoine bochda agus daoine beartach, mur a tèid barrachd a dhèanamh airson piseach a thoirt air cùisean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile