Coimiseanair Gàidhlig "a dhìth"

  • 28 An t-Samhain 2013
A' Ghàidhlig
Image caption Tha coimiseanaireran cànain anns a' Chuimrigh agus ann an Èirinn mar thà.

Tha coltas ann gum faodadh, uaireigin fhathast, a' Ghaidhlig a bhith air pàipearan bhòtaidh 'son taghaidhean ann an Alba, an dèidh do Chomataidh nan Ath-Chuingean Poblach ann am Pàrlamaid Holyrood freagairt air an sin iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Chuir Iain MacLeòid, a tha a' strì gu mòr os leth na Gàidhlig, fàilte air sin.

"Tha mi uabhasach toilichte gun do dh'aontaich iad sin a dhèanamh, gus am bi e comasach dhuinn an cothrom a ghabhail 's dòcha anns na àm ri teachd ma sheallas an Riaghaltas às ùr ris a' ghnothach," thuirt Mgr MacLeòid.

"Ged nach biodh e comasach an ath-bhliadhna, tha taghaidhean gu bhith againn anns na beagan bhliadhnaichean an dèidh sin.

Còirichean nan Gàidheal

"Thuirt Coimisean an Taghaidh gum feumadh iadsan timcheall air deich seachdainnean airson deuchainnean a dhèanamh, agus aithisg a chur air ais chun na Pàrlamaid.

"Agus mar sin, chan eil adhbhar sam bith nach fhaodadh am fiosrachadh a bhith ann agus na deuchainnean a bhith air an dèanamh ann an ùine gu leòr airson nan taghaidhean sin an ceann dà bhliadhna no trì bliadhna.

"Feumaidh sinn cuspair chòirichean luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail fa chomhair luchd-poileataigs.

"Mur a dèan sinn sin, tha e dearbhte nach tèid iad nas fhaide na dh'fheumas iad a dhèanamh.

"Agus tha e na adhbhar dragh gu bheil an t-seòrsa beachd a tha a' tighinn on Riaghaltas agus bhon Phàrlamaid an-dràsta, a' sealltainn gu bheil iad deònach na h-uidhir a dhèanamh airson na Gàidhlig, ach gun a bhith a' dol cus nas fhaide na sin.

"Tha fhios againn gu bheil, tron chùmhnant Eòrpach, agus tro na chuir iad ann an lagh, 's na poileasaidhean a tha iad air aontachadh, gu bheil e comasach dhuinn còirichean luchd-labhairt na Gàidhlig a sheasamh riutha, gus an cuir iad ann an gnìomh na tha iad air a chur ann am pàipear," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid cuideachd den bheachd gu bheil rud eile a dhìth airson còirchean luchd-labhairt na Gàidhlig a sheasamh.

'S e sin comiseanair no ombudsman a nì cinnteach gu bheil buidhnean poblach na h-Alba a' dèanamh an dleasdanais dhan Ghàidhlig, leithid mar a th' aig a' Chuimris, agus aig a' Ghaeilge ann an Èirinn.

"Aig an ìre seo tha sinn ann an eisimeil luchd-poileataigs, agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin math gu leòr," thuirt e.

"Dhomhsa, b'fheàrr leam faicinn gum biodh leithid coimiseanair cànain, no ombudsman ann airson na Gàidhlig.

"Cuideigin a shealladh ris a' chùis ann an dòigh chothromach, a bheireadh seachad co-dhùnadh a thaobh dè cho ceart agus cho cothromach 's a tha luchd-poileataigs ann a bhith a' cur an gnìomh na tha iad air aontachadh ann am pàipear mar gum biodh.

"Nam biodh coimiseanair cànain againn an-dràsta, b'urainn dhuinn a dhol thuige no thuice, agus beachd fhaighinn air cothromach na cùise ann an solas lagh na h-Alba, lagh na Rìoghachd Aonaichte, lagh na h-Eòrpa, a shealladh ri mar a thathas a' dèiligeadh ri cùisean cànain anns a' Chuimrigh mar eisimpleir.

"Agus ma tha e comasach pàipearan-baileat le dà-chànan fhaighinn anns a' Chuimrigh - às aonais daoine a bhith mì-chinnteach mu dheidhinn a' ghnothaich - ma tha sin comasach anns a' Chuimrigh, bu chòir dha a bhith comasach ann an Alba.

"Saoilidh mi gu bheil feum againn, agus 's dòcha gur e seo rud a dh'fheumas luchd-iomairt na Gàidhlig a dhèanamh, a bhith a' coiteachadh airson dreuchd, no buidheann neo-eisimeileach a bhith ann, taobh a-muigh poileataigs, a shealladh ri cùisean na Gàidhlig ann an dòigh chothromach," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile