Teagamh mu bhallrachd Eòrpaich

Mariano Rajoy Tha Mgr Rajoy a' cur gu mòr an aghaidh neo-eisimeileachd do Chatalunya.

Sgeulachdan co-cheangailte

Cha do ghabh Riaghaltas na h-Alba ri beachd Prìomhaire na Spàinne gum feumadh Alba neo eisimeileach tagradh as ùr a dhèanamh airson àite san Aonadh Eòrpach.

A' bruidhinn aig co-labhairt, dh'innis Mariano Rahoy ma bhòtas dùthaich sam bith airson neo eisimeileachd bho stàit nas motha dhe bheil i na pàirt, gum biodh iad an uair sin ''taobh a-muigh an Aonaidh''.

Bhiodh an uair sin aonta gach tè de na 28 dùthchannan a th' anns an Aonadh Eòrpach a dhìth airson an dùthaich sin a leigeil a-steach.

Tha an naidheachd a' tighinn agus gluasad ann an Catalonia a dh'ionnsaigh neo eisimeileachd, rud dha nach eil Mgr Rajoy idir taiceil.

Earrann 48

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air ballrachd san AE fhaighinn mar bhall, mus deadh neo-eisimeileachd a ghairm, gus am biodh Alba na ball bho a ciad là mar stàit neo-eisimeileach.

Dheadh na còmhraidhean airson sin a rèiteachadh a chumail san 18 mìosan eadar bhòtadh airson neo-eisimeileachd, agus neo-eisimeileachd a bhith air a ghairm.

"Chan eil mi eòlach air a' Phàipear Gheal a dh'fhoillsich Ceann-suidhe (sic) na h-Alba," thuirt Mgr Rajoy, 's e a' bruidhinn aig coinneimh naidheachd còmhla ri Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande.

"Bu mhath leam gun deadh buile neo-eisimeileachd a chur mu choinneimh Albannach gu fìrinneach.

"Tha còir aig saoranaich a bhith fiosraichte, gu seachd àraid nuair a tha co-dhùnaidhean mar seo ri an dèanamh.

Start Quote

Tha sinn a' dèanamh seo bho thaobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich, mar phàirt de ar ballrachd.”

End Quote Iain Swinney BPA Rùnaire an Ionmhais

"Tha spèis agam don a h-uile co-dhùnadh a nì na Breatannaich, ach tha fhios agam gun teagamh gum biodh dùthaich a sgaradh bho bhall-stàit an Aonaidh Eòrpaich taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich, agus bu chòir do dh'Albannaich, agus an còrr de shaoranaich na h-Eòrpa a bhith a' tuigsinn sin," thuirt e.

Tha beachd Mhgr Rajoy a' tighinn a rèir beachd oifigeil an Aonaidh Eòrpaich. Ach cha tuirt e gun cuireadh e bacadh air ballrachd Alba neo-eisimeilich san Aonadh Eòrpach.

Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, gu bheil Alba mar thà na pàirt den Aonadh Eòrpach, leis gu bheil Breatainn na ball.

Gus ballrachd fhaighinn mar stàit neo-eisimeileach, thuirt Mgr Swinney gun iarradh Alba atharrachadh, fo Earrainn 48, air Cùnradh an Aonaidh Eòrpaich.

Dh'fheumadh sin aonta a h-uile ball-stàite.

"Tha sinn nar buill den Aonadh Eòrpach," thuirt e.

"Nuair a bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd san t-Sultain 2014, bidh sinn fhathast nar buill den Aonadh Eòrpach, agus cha tig Là na Neo-eisimeileachd gu 2016.

"Mar sin, tha sinn a' dèanamh seo bho thaobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich, mar phàirt de ar ballrachd," thuirt e.

Thuirt ceannard nan Làbarach an Alba, Johann NicLaomainn, gun robh Riaghaltas na h-Alba air cumail a-mach roimhe gur e rud a thachradh gun oidhirp a bhiodh ann am ballrachd an AE.

"Ma ghluaiseas tu bho sheasamh gun tachradh e gun oidhirp, gu bhith ag ràdh gum feumadh tu aonta fhaighinn, feumaidh tu an uair sin gabhail ris gur dòcha nach aontaich cuideigin ris."

"Dh'innis thu dhuinn roimhe gu bheil thu airson 's gum fuirich sinn san Aonadh Eòrpach.

Start Quote

Tha Prìomhaire na Spàinne dìreach air a dhèanamh soilleir gun atharraicheadh a h-uile càil.”

End Quote Alasdair Darling Nas Fheàrr Còmhla

"Is coltach a-niste nach eil ann an sin ach rud a tha thu a' creidsinn, coltach ri gu leòr a-staigh an seo, seach an fhìrinn chlàraichte," thuirt i.

Tha am Pàipear Geal a' cumail a-mach gum biodh e ceàrr a bhith a' smaoineachadh nach gabhadh an AE ri Alba mar bhall, air trì adhbharan:

  • Tha Alba air a bhith na pàirt den AE fad 40 bliadhna.
  • Cha bhiodh e a chum fèin-ùidh an AE mar bhuidhinn, no mar dhùthchannan fa leth.
  • Bhiodh e na dhiùltadh air toil deamocratach mhuinntir na h-Alba.
Aonta Dhùn Èideann

Thuirt labhraiche do Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond: "Aig bun a' ghnothaich, 's ann an urra ri muinntir na h-Alba a tha na tha an dàn do dh'Alba.

"Tha sinn a' faicinn nach eil Prìomhaire na Spàinne air na molaidhean againn a leughadh, ach tha Mgr Rajoy air a ràdh roimhe gu bheil e den bheachd gu bheil suidheachadh na h-Alba agus suidheachadh Chatalunya "gu tur eadar-dhealaichte."

"'S e is coireach, gu bheil am pròiseas airson Alba a bhith a' dol neo-eisimeileach air a dhaingneachadh ann an Aonta Dhùn Èideann, far a bheil Riaghaltas Bhreatainn air gealltainn gun toir iad spèis do thoradh an referendum.

"Mar a tha na pàipearan a dh'fhoillsich sinn a' dèanamh soilleir, tha sinn air pròiseas a mhìneachadh a chì Alba a' tighinn gu aonta air a suidheachadh mar bhall neo-eisimeileach den Aonadh Eòrpach bhon taobh a-staigh, anns na 18 mìosan eadar bhòtadh airson neo-eisimeileachd, agus Là na Neo-eisimeileachd - fhad 's a tha sinn fhathast nar pàirt den AE mar phàirt den RA. Tha comhairlichean laghail Riaghaltas Bhreatainn fhèin air a ràdh gu bheil sin "ciallach."

"Tha am pròiseas sin, fo Earrann 48 de Chùnradh an AE, a' ceadachadh do dh'Alba ballrachd a ghabhail bhon chiad là de neo-eisimeileachd.

"Tha Alba mar tha na pàirt den AE, agus chan eil càil ann an cùnradh sam bith a th' aig an AE a cheadaicheas gum bi dùthaich a tha na ball a bhith air a cur a-mach às an AE, no gun caill muinntir na dùthcha sin an còirichean mar shaoranaich den AE."

Ach thuirt ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, gun robh na thuirt Mgr Rajoy "na bhuile eile do bheachd Ailig Salmond nach atharraicheadh càil ma bhòtas sinn airson a bhith leinn fhèin."

"Tha Prìomhaire na Spàinne dìreach air a dhèanamh soilleir gun atharraicheadh a h-uile càil.

"Tha fhios againn a-niste dè seasamh a bhiodh aig Riaghaltas na Spàinne ma bhòtas sinn airson neo-eisimeileachd. Tha seo air fiù 's barrachd mhì-chinnt adhbharachadh."

Thuirt ceannard nan Tòraidhean an Alba, Rut NicDhàibhidh: "Tha Prìomhaire na Spàinne dìreach air càs Ailig Salmond airson ballrachd san AE a sgrios.

"Feumaidh sinn a' chomhairle a fhuair an SNP mus do rinn iad an argamaid lag aca sa Phàipear Gheal a chluinntinn, co-dhiù bhruidhinn iad ri ball-stàitean eile, no fiù 's an d'fhuair iad dearbhadh sam bith bho oifigich an AE," thuirt i.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.