Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Pàipear Geal

Bidh deasbad ann an Pàrlamaid na h-Alba feasgair air pàipear geal Riaghaltas na h-Alba airson neo-eisimeileachd a chaidh fhoillseachadh an-dè. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gur e am pàipear as coileanta a-riamh air neo-eisimeileachd. Tha na pàrtaidhean eile a' cur teagamhan mòran ann an planaichean an SNP.

In-imrich

Thuirt Daibhidh Camshron gun tèid riaghailtean ùra a stèidheachadh gus am bi e nas doirbhe do dh'in-imrich às an Aonaidh Eòrpaich sochairean fhaighinn ann am Breatainn. Chan fhaigh iad sochairean cion-obrach gus am bi iad trì mìosan a' fuireach san rìoghachd seo, agus chan fhaigh iad sochairean taigheadais. Thèid daoine nach eil a' sireadh obrach a chur a-mach às an dùthaich agus an casg bho thilleadh airson bliadhna.

Dì-meas

Chaill dithis Chrìosdaidh aig a bheil taigh-aoigheachd cùis a thug aig dhan Phrìomh Chùirt agus iad a' gearain gun tàinig orra cosgaisean a phàigheadh do chupall gèidh dhan do dhiùlt iad àite-fuirich. Thuirt na britheamhan gun do rinn Peter agus Hazel Mary Bull, aig a bheil B&B anns a' Chòrn, dì-meas air na fir ghèidh leis nach leigeadh iad leotha cadal anns an aon sheòmar.

Am Posta Rìoghail

Thuirt Am Posta Rìoghail a chaidh chun na roinn prìobhaidich o chionn ghoirid gun tàinig cha-mhòr dùblachadh air am prothaid air a' chiad leth den bhliadhna ionmhais seo. Dh'èirich prothaidean gu £283m eadar a' Ghiblein agus an t-Sultain. Tha luach earainnean na buidhne air a dhol suas mu 67% bho chaidh iad air a' mhargaidh air a' mhìos a chaidh.

Cion leapannan aig Ospadal nan Eilean

Tha cion leapannan aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a' ciallachadh gur dòcha gun tig orra sguir a ghabhail euslainteach. Tha 18 duine san ospadal an-dràsta a tha deiseil airson a dhol dhachaigh, ach nach urrainn leis nach eil cùram anns a' choimhearsnachd mun coinneimh. Tha Comhairle nan Eilean Siar agus am Bòrd Slàinte a' beachdachadh air seirbheisean cùraim a chuir còmhla fo bhuidhinn stiùiridh ùir, ach tha e coltach nach eil iad ag aontachadh air cruth na buidhne sin.

Tuath-gaoithe ann an Leòdhas

Fhuair a' chompanaidh 2020 Renewables cead-dealbhachaidh airson tuath-gaoithe le 14 muilnean faisg air Tolastadh ann an Leòdhas, ged a thuirt oifigich-dealbhachaidh gum biodh e ro fhaisg air na taighean agus gum biodh aon chrann gu h-àraidh ro fhaisg air nead iolaire. Nuair a thèid a togail gheibh a' choimhearsnachd mu £300,000 nòt gach bliadhna a bharrachd air earrain den mhàl leis gum bi e air an ionaltradh aca.

Clàr-ola

Tha clàr-ola leis an teicneiòlas as ùire airson tolladh a dhèanamh nas sàbhailte a' ruighinn Linne Chrombaidh an-diugh. Tha am Prospector One air siubhal à Sìona agus bidh an clàr fad mìos ann am Bàgh an Eige mus tèid e mach dhan Chuan a Tuath.