Leasachadh air taighean-spadaidh Eileanach

  • 27 An t-Samhain 2013
Caoraich
Image caption Tha an sgeama a' faighinn taic bho dhà bhuidhinn charthannais leis a' Phrionnsa Teàrlach.

Gheibh taighean-spadaidh ann an eileanan na h-Alba leasachadh, air a mhaoineachadh le carthannas a tha Diùc Bhaile Bhòid a' ruith.

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba taic ris an sgeama cuideachd, a chì leasachadh ga thoirt air taighean-spadaidh ann an Leòdhas, Uibhist a Tuath, Muile, Ìle, Arcaibh is Sealtainn.

Thèid an t-airgead a chosg air cothroman do dhaoine òga ceàrd a thoirt a-mach, piseach a thoirt air goireasan nan taighean-spadaidh, agus margaidheachd a leasachadh.

Tha an iomairt Sustaining Island Abattoirs in Scotland, a' faighinn taic bho dhà bhuidhinn charthannais a tha am Prionnsa Teàrlach a' ruith.

Thuirt am Prionnsa gun toir an sgeama buannachd do chroitearan agus tuathanaich cuideachd.

Tha Maoin Tuaithe a' Phrionnsa, agus Gnothachas Albannach sa Choimhearsnachd a' cur airgid ris an leasachadh, ann an co-bhann leis an Riaghltas Albannach.

"'S e mo mhòr-bharaill, le taic fhialaidh bho Riaghaltas na h-Alba, gum bi na gnìomhachasan seo, chan e a-mhàin seasmhach, ach gun cuidich iad le bhith a' solarachadh an iarrtais a th' ann agus a tha a' sìor-fhàs, air sàr-fheòil Bhreatannaich, le lorgan air ais gu far an do dh'àraicheadh i," thuirt am Prionnsa.

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, gu bheil gnìomhachas na feòla aig cridhe tuathanachas na h-Alba.

"Tha fèill nas motha na bh' ann riamh air an t-suaicheantas "Scotch" gu h-ionadail agus air feadh na h-Alba 's an t-Saoghail," thuirt e.

"Airson greimeachadh gu h-iomlan air na cothroman a th' ann, feumaidh sinn coimhead gu geur ris na duilgheadasan a tha mu choinneimh thuathanach stuic, a thaobh àraich agus margaidheachd, gus taic a thoirt do ar tuathanaich 's luchd-giollachd a bhith ag aithneachadh agus a' gabhail chothroman a tha gam fosgladh dhaibh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile