Clàr-ola sònraichte ann an Linne Chrombaidh

  • 27 An t-Samhain 2013

Ruigidh clàr-òla ùr anns a bheil teicneòlas sònraichte a th' air a dhealbhachadh gus tolladh far a' chosta a dhèanamh nas sàbhailte, Linne Chrombaidh Diciadain.

Tha Prospector One air tighinn à Sìona agus cuiridh e seachad mìos anns na h-uisgeachan far Bhàgh an Eige mus tèid a shlaodadh a-mach dhan Chuan a Tuath far an tòisich i a' tolladh.

Thathas ag ràdh gur e seo fear de na clàran as adhartaiche a chaidh a thogail a-riamh, gu h-àraid a thaobh an teicneòlais a th' air bòrd.

Tha an siostom tollaidh ùr uile air a ruith le coimpiutairean, a tha a' fàgail gu bheil luchd-obrach air an cumail air falbh bho na pàirtean as cunnartaiche.

Thòisich am Prospector One a shlighe dhan Chuan a' Tuath dà mhìos air ais bho ghàradh ann a Sìona far an deach a thogail airson $200m.

Cuiridh an 140 de luchd-obrach seachad ceithir seachdainnean a' trèanadh air bòrd a' chlàir ann an Linne Chrombaidh mus tèid a shlaodadh dhan Chuan a' Tuath far an urrainn dhi obrachadh ann an uisgeachan suas gu 400 troigh de dhoimhneachd.