Cead do thuath-gaoithe an Leòdhas

Crann-gaoithe Bidh 14 crainn-ghaoithe san leasachadh.

Fhuair a' chompanaidh 2020 Renewables cead-dealbhachaidh airson tuath-gaoithe le 14 crainn a thogail faisg air Tolastadh ann an Leòdhas.

Tha seo a dh'aindeoin 's gun tuirt oifigich-dhealbhachaidh gum biodh e ro fhaisg air na taighean agus gum biodh aon chrann gu h-àraidh ro fhaisg air nead iolaire.

Thuirt fear de chroitearan a bhaile, Murchadh MacÌomhair: "Naidheachd mhìorbhaileach a tha seo, chan ann a-mhàin dha Tolastadh bho Thuath ach Tolastadh Ùr cuideachd.

An dèidh nan rannsachaidhean a chaidh a dhèanamh san sgìre, chan eil Mgr MacÌomhair idir draghail mu na h-iolairean.

"Sheall rannsachaidhean gun robh na h-iolairean a' sgèith air falbh bhon chrann, 's nach ann thuige," thuirt e.

"Cuideachd, ged a bha uighean aig na h-iolairean, chan eil isean air a bhith aca airson còrr agus còig bliadhna."

Nuair a thèid a thogail gheibh a' choimhearsnachd mu £300,000 gach bliadhna a bharrachd air earrainn den mhàl leis gum bi e air an talamh ionaltraidh aca.

Leis gu bheil planaichean aig muinntir Tholastaidh ath-bheothachadh a dhèanamh air croitearachd, tha Mgr MacÌomhair cinnteach nach biodh e na dhuilgheadas dhaibh an t-airgead a chosg.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.