Cion leapannan aig Ospadal nan Eilean

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar Tha Comhairle nan Eilean Siar agus am Bòrd Slàinte a' beachdachadh air seirbhisean cùraim a thoirt còmhla fo bhuidhinn stiùiridh ùir.

Tha dragh gum bi cion leapannan aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a' ciallachadh nach tèid aca air euslaintich ùra a ghabhail san àm ri teachd.

Tha 18 duine san ospadal an-dràsta a tha deiseil airson a dhol dhachaigh, ach nach urrainn leis nach eil cùram anns a' choimhearsnachd mun coinneimh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus am Bòrd Slàinte a' beachdachadh air seirbhisean cùraim a thoirt còmhla fo bhuidhinn stiùiridh ùir, ach tha eas-aonta ann eadar an dà sheirbheis mun t-seòrsa buidhne a bu chòir a bhith ann.

Thuirt Cathraiche Comataidh Slàinte 's Cùram Sòisealta na Comhairle, Uisdean Robasdan, gu bheil buill na Comhairle air mòran fiosrachaidh fhaighinn a thaobh a' bheachd a bha a' Chomhairle a' dol a ghabhail, beachdan a thathas air cur air adhart chun nan comhairlean coimhearsnachd.

Tha Mgr Robasdan draghail nach eil buill a' Bhùird Shlàinte fhathast air cluinntinn na tha am Bòrd Slàinte a' cur air adhart aig ìre nuair a dh'fheumas an dà bhuidhinn a thighinn còmhla san aithghearrachd.

"Tha e caran tàmailteach gu bheil a' Chomhairle cho fosgailte mu dheidhinn agus am Bòrd Slàinte cho dùinte," thuirt e.

"Aig deireadh an là, 's e seirbheisean dhan choimhearsnachd a tha sinn a' feuchainn ri thoirt seachad cho math 's as urrainn dhuinn - an dà bhuidhinn."

Mur a tig an dà bhuidhinn gu aonta, tha coltas gur e an Riaghaltas a nì na co-dhùnaidhean dhaibh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.