Deasbad mun Phàipear Gheal

  • 27 An t-Samhain 2013
Am Pàipear Geal Image copyright Getty Images
Image caption 'S e am Prìomh Mhinistear fhèin a bhios os cionn an deasbaid feasgar.

Bidh Pàrlamaid na h-Alba Diciadain a' cumail làn-deasbad air a' phàipear gheal mu neo-eisimileachd a chaidh fhoillseachadh Dimàirt.

Tha an leabhar, anns a bheil 670 duilleag, a' mìneachadh phlanaichean an Riaghaltais airson Alba neo-eisimilich.

'S e am Prìomh Mhinistear fhèin a bhios os cionn an deasbaid feasgar.

Tha dùil gun toir Mgr Salmond barrachd fiosrachaidh mu ghealladh sa phàipear gheal co-cheangailte ri barrachd cùraim chloinne an-asgaidh do chloinn fo aois sgoile.

Bidh e cuideachd a' toirt rabhaidh do bhuill gun tigeadh gearraidhean ann am buidseat na h-Alba nam bhòtadh muinntir na dùthcha fuireach san Rìoghachd Aonaichte.

Togaidh na pàrtaidhean dùbhlannach ceistean mu chuspairean leithid a bhith a' cumail an Nòt agus ballrachd ann am buidhnean leithid an Aonaidh Eorpaich, far am biodh aig an riaghaltas Albannach ri còmhraidhean a chumail le buidhnean eile airson am planaichean a thoirt gu buil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo