Tuilleadh airgid a dhìth airson mèinne òir Thaigh an Droma

  • 26 An t-Samhain 2013

Tha companaidh a tha am beachd mèinn òir fhosgladh ann an Earra-Ghàidheal a-nis ag ràdh gur dòcha gum feum iad gearradh air ais air an leasachadh a bh' aca san amharc o thùs.

Thuirt Scotgold Resources Eta gun robh e doirbh dhaibh maoineachadh fhaighinn airson na mèinne faisg air Taigh an Droma.

Tha iad a-nis ag amas air mèinn nas lugha anns am bi meatailt nas fheàrr.

Feuchaidh iad ri tuilleadh airgid fhaighinn bhon fheadhainn aig a bheil earrannan sa chompanaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile