Comhairliche a' cur dìon air Plana Gàidhlig

  • 26 An t-Samhain 2013
Togalach Chomhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' cur dìon air a' Phlana Ghàidhlig aca.

Tha Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain A MacÌomhair, den bheachd gum biodh suidheachadh na Gàidhlig anns na h-eileanan gu math nas miosa mur a b' e plana Gàidhlig na Comhairle.

Sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gun tàinig crìonadh air a' Ghàidhlig anns a h-uile sgìre sna h-eileanan, 's gu bheil a-nis dìreach 52% de mhuinntir nan Eilean Siar a' cleachdadh a' chànain.

Tha plana Gàidhlig aig an ùghdarras ionadail, agus tha Mgr MacÌomhair, gu mòr den bheachd gu bheil e ag obrachadh.

"Tha poileasaidh air a bhith aig a' Chomhairle seo iomadach bliadhna agus 's e a' cheist a bu chòir a bhith a' faighneachd, dè bhiodh air tachairt mur a biodh am poileasaidh sin air a bhith ann?" thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair gur ann o chionn ghoirid a chaidh plana aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, agus gum feumar cothrom a thoirt dha obrachadh.

Tha cuid a' creidsinn gum bu chòir cuideam a bhith air foghlam aig aois òg, airson taic a chur ri cleachdadh na Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd sna sgìrean traidiseanta.

Sgoiltean Ghàidhlig

A rèir BPA nan Eilean Siar agus Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan: "Tha teans gu bheil cothroman ann a-nis airson sgoiltean Ghàidhlig far a bheil ionadan Gàidhlig an-dràsta.

"Ma tha coimhearsnachdan ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig beò san àm ri teachd, cleachd no caill i."

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil iadsan buileach cinnteach gur e sgoiltean Gàidhlig fa-leth an rud as fheàrr. Tha iad den bheachd gu bheil ionadan Gàidhlig anns na sgoiltean aca, mar a th' aca an-dràsta, a cheart cho math.

Tha Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh, den bheachd gum feum daoine aig a bheil Gàidhlig oidhirp a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil i a' faighinn prìomhachais san dachaigh.

"Sin far an do thòisich an crìonadh a bu mhotha anns na h-Eileanan Siar o chionn bhliadhnaichean," thuirt e.

"Bha beàrn ann mus tàinig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a-steach dhan t-suidheachadh."

Misneachail

Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-tà, nach eil na figearan as ùire a thaobh staid na Gàidhlig gu tur dona, gu bheil dòchas ann agus gun robh cuid de na figearan nan adhbhar mhisneachd dhaibh.

Thuirt Mgr MacÌomhair, "Anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh, 's e daoine a bha thairis air na 60an a bha a' bruidhinn na Gàidhlig, ach a-nis 's e tòrr den òigridh a tha ga bruidhinn, 's tha sin na adhbhar misneachd."

Sheall figearan na Gàidhlig anns a' Chunntas-sluaigh mu dheireadh gun robh stad a' tighinn air crìonadh na Gàidhlig aig ìre nàiseanta, ach gu bheil i air crìonadh mu 10% sna sgìrean traidiseanta, le fàs anns na bailtean mòra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile