Geallaidhean a' Phàipeir Ghil

  • 26 An t-Samhain 2013
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Pàipear Geal a' togail deasbaid

Chuir Riaghaltas na h-Alba an cuid phlanaichean airson Alba neo-eisimeileachd an cèill, 's iad air Pàipear Geal fhoillseachadh air thoiseach air an referendum an ath-bhliadhna.

Tha an leabhran, sa bhail 670 duilleag, a' gealltainn "dùthaich nas deamocrataiche, nas soirbheachaile, 's nas cothromaiche" a chruthachadh.

Thèid referendum a chumail air neo-eisimeileachd do dh'Alba air 18mh an t-Sultain 2014.

Tha am pàipear geal a' gealltainn gun cumar poileasaidh eaconamach na h-Alba a rèir fheumalachdan ghnothachasan agus ghnìomhachasan na h-Alba.

An Nòt

"Gu bunaideach, aig cridhe an deasbaid seo, tha aon cheist - an e sinne, na daoine a tha a' fuireach 's ag obair ann an Alba, an fheadhainn as fehàrr airson co-dhùnaidhean mòra a dhèanamh mu na tha ri teachd dhuinn?" thuirt Mgr Salmond.

Tha am pàipear cuideachd a' gealltainn cùram cloinne a leudachadh gu mòr, àgus cur às do chìs nan seòmraichean-cadail, ma thèid an SNP a thilleadh mar riaghaltas às dèidh a' chiad taghaidh ann an dùthaich neo-eisimeilich.

Tha e cuideachd ag ràdh gum biodh e gu maith na h-Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte gum biodh Alba neo-eisimeileach a' cleachdadh an Nòt mar airgead, fhad 's gum biodh Banca Shasainn fhathast na "buidheann iasaid èiginneach."

Am measg nam molaidhean a tha anns a' Phàipear Gheal:

  • 30 uairean de thìde de chùram cloinne gach seachdain tro thèarmaichean na sgoile do gach pàiste aois trì agus ceithir, agus do phàistean dà bhliadhna de dh'aois a tha feumach air.
  • Cuidhteas fhaighinn de dh'armachd niuclasach Trident, a tha an-dràsta stèidichte air Uisge Chluaidh, taobh a-staigh na ciad Phàrlamaid.
  • Cur às do Chìs nan Seòmraichean Cadail.
  • Chan èireadh bun-ìre na cìse.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon gu bheil an t-uallach a-niste air luchd-taic an Aonaidh gus an argamaid acasan a chur an cèill don phoball, leis an t-sealladh acasan air na tha an dàn do dh'Alba.

Image copyright Reuters
Image caption Thuirt Mgr Salmond gu bheil am pàipear geal a' cur às do gach teagamh mu neo-eisimeileachd.

Tha luchd-taic an Aonaidh air a ràdh gur ann air co-dhiù dèiligeas am Pàipear Geal ri cùisean leithid ionmhais, a thèid an leabhran a mheas.

Thuirt Rùnaire na h-Alba ann an Riaghaltas Bhreatainn, Alasdair MacIlleMhìcheil, gu bheil ceistean mòra mu chuid de na poileasaidhean a tha an SNP air foillseachadh mar thà.

Thuirt e gum biodh e "ao-coltach dha-rìribh" gun obraicheadh planaichean an SNP gus an Nòt a chumail, an cois sheirbheisean Banca Shasainn ann an "Aonadh Airgid" leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, 's gum feum an SNP "Plana B" fhoillseachadh.

NATO

Tha luchd-taic an Aonaidh cuideachd a' togail cheistean mu phlana an SNP cuidhteas fhaighinn de dh'armachd niuclasach Trident, a tha stèidhichte air Uisge Chluaidh - fhad 's a bhiodh Alba na ball de NATO.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach nach deach cosgaisean a thoirt seachad airson phoileasaidhean eile an SNP, leithid pheinseanan agus sochairean sòisealta.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur ann gus cothrom a thoirt don phoball coimeas a dhèanamh eadar poileasaidhean an SNP agus cuid phàrtaidhean eile a sgrìobh iad am Pàipear Geal, mus dèan daoine co-dhùnadh air mar a bhòtas iad.

Tha 20,000 leth-bhreac den phàipear gan cruthachadh an toiseach, ach gheibh duine sam bith a dh'iarras leth-bhreac dheth.

Tuilleadh air an sgeulachd seo