Iomairt a' leantainn airson bhòtadh sa Ghàidhlig

A' Ghàidhlig Cha tèid a cheist a chur gu dà-chànanach san referendum an ath-bhliadhna.

Is coltach nach eil an iomairt airson ceist an referendum a bhith sa Ghàidhlig air a' phàipear-bhaileat, a thuilleadh air a' Bheurla, seachad.

Tha dùil gum bi Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh a-rithist Dimàirt air ath-chuingean a tha ag iarraidh gun tachair sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e tuilleadh is anmoch a-nis airson a' Ghàidhlig fhaighinn ann an ceist an reifreinn an ath-bhliadhna, tha am Bile air a dhol tron Phàrlamaid," thuirt Iain MacLeòid, a tha a' strì airson a' Ghàidhlig a bhith air a' phàipear-bhaileit.

"Ach tha cùis mun Ghàidhlig ann an taghaidhean, agus ann an reifreinn den t-seòrsa seo fhathast, fa chomhar Comataidh nan Ath-chuingean.

Comiseanair Cànain

"An turas mu dheireadh a bheachdaich iad air a' ghnothach, dh'aontaich iad sgrìobhadh gu trì buidhnean - Riaghaltas na h-Alba, Bòrd Riaghlaidh nan Taghaidhean ann an Alba, agus Coimisean an Taghaidh - airson am beachdan fhaighinn.

"Tha na beachdan sin air tighinn air ais, agus tha mi fhìn air freagairt a chur thuca co-cheangailte ris na beachdan sin.

Start Quote

Bhiodh e fada na b'fheàrr nam biodh e comasach dhuinn a' chùis a thogail aig ìre laghail, no eadhon can tro Choimiseanair Cànain.”

End Quote Iain MacLeoid Fear-iomairt

"'S e am moladh a tha mi air cur thuca, 's e iarraidh air Coimisean an Taghaidh deuchainn a dhèanamh air ceist dà-chànanach ann an reifreann no ann an taghadh, nàiseanta no ionadail.

"Bhon, 's e am freagairt a thàinig air ais bho Choimisean an Taghaidh, 's e gum feumadh iad deuchainn a dhèanamh air an leithid, agus nam biodh an Riaghaltas air iarraidh orra sin a dhèanamh aig an àm nuair a dh'iarr iad orra beachdachadh air a' cheist anns a' Bheurla, gum biodh iad air sin a dhèanamh.

"Ach gu mì-fhortannach cha deach an cothrom sin a ghabhail. Cha deach iarraidh.

"Agus mar sin tha iad fhathast deònach sealltainn ris a' ghnothach, ach tha mi amharasach nach eil e gu bhith comasach mòran a dhèanamh airson na h-ath-bhliadhna.

"'S e am beachd a bh' aig Riaghaltas na h-Alba gur e rud àbhaisteach a bha seo ann an Alba agus anns an Rìoghachd Aonaichte, gur ann sa Bheurla a-mhàin a bhiodh am pàipear-baileat.

"Ach tha fhios againn nach eil sin fìor.

"Tha pàipearan-baileat anns a' Chuimrigh anns an dà chànan, agus 's e am beachd a bha mise a' cur air adhart carson nach biodh seo fìor ann an Alba cuideachd?

"Bhiodh e fada na b'fheàrr nam biodh e comasach dhuinn a' chùis a thogail aig ìre laghail, no eadhon can tro Choimiseanair Cànain far am b'urrainn beachd neo-eisimeileach a thoirt seachad," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.