Eaglais an Naoimh Chonain

Eaglais an Naoimh Chonain Tha a h-uile stoidhle ailtireachd a bh' ann an eaglaisean na h-Alba anns an togalach.

Thòisich oidhirp air airgead a thogail 'son an eaglais ann am baile Loch Obha, an Earra-Ghàidheal, a ghlèidheadh.

Ged nach eil ceud bliadhna ann bho chaidh Eaglais an Naoimh Chonain a thogail, tha i an-diugh ann an droch staid.

Air an deireadh sheachdain, bha taisbeanadh aca 's iad a' feuchainn ri airgead a thogail.

Chan i eaglais àbhaisteach a th' innte idir ge-tà, agus i air a togail aig àm nach robh mòran thaighean ann am baile Loch Obha idir, airson aon teaghlaich a bhith ri adhradh innte.

A h-uile stoidhle

"Bha fear ann an seo, 's e Walter Douglas Campbell a bh' aca air," thuirt Iain MacPharlain, a tha eòlach air eachdraidh na sgìre.

"Agus bhiodh iad a' dol don eaglais ann an Clachan an Dìseirt, no Dail Mhàilidh mar a th' aca air a-nis, a h-uile Didòmhnaich.

"Tha e coltach gun robh iad a' dol air an rathad, 's cha robh an rathad ro mhath.

"Cha robh seo a' còrdadh ris a' chaillich idir, agus thuirt a mac rithe "ma-tà, chan eil e a' còrdadh riut. Togaidh mise eaglais air do shon."

"Agus tha a h-uile stoidhle a bh' ann an togalaichean eaglaise ann an Albainn anns an eaglais seo.

"Tha mòran de dh'eachdraidh na sgìrea air a thogail a-steach don eaglais fhèin.

Start Quote

Ann an dòigh tha e nas fheàrr nach eil iad ceangailte ri eaglais sam bith.”

End Quote Iain MacPharlain Eòlaiche eachdraidh ionadail

"Tha cathraichean an seo a tha a' leigeil fhaicinn dhuinn eachdraidh nan daoine uaisle a bha a' fuireach mun cuairt oirnn an seo.

"Tha e coltach gun robh na clachan airson na h-eaglaise fhèin air an roladh sìos à Cruachan, agus bha iad a' dèanamh na snaigheadaireachd an seo.

Tha seòrsa de dh'ìomhaigh den Bhrusach fhèin an seo, mar gum biodh e na chadal leis an armachd aige air.

"Agus tha uinneag bheag san ìomhaigh, agus thug iad cnàmh den duine fhèin às an uaigh aige, 's chuir iad a-steach e," thuirt e.

Am Brusach Tha ìomhaigh den Bhrusach, le cnàmh às an uaigh aige, am broinn na h-eaglaise.

Ach tha an eaglais an-diugh ann an droch staid, agus feum air airgead mòr airson a glèidheadh.

Cha bhuin an eaglais do bhuidhinn eaglaise sam bith, agus mar sin dheth, chan eil taic aig an iomairt bho bhuidhinn mhòir.

"Theirinnsa gum biodh £5m no £6m co-dhiù a dhìth, bhon tha mòran ri dhèanadh gus am bi an t-àite dìonach.

"Tha uisge a' tighinn a-steach air a' mhullach.

"Tha taigh a-muigh an sin far an robh duine a' fuireach, agus dh'fhaodadh gun dèanadh sin àite bìdhe, 's bidh na goireasan air fad ann.

"Dh'fhaodadh gum bi duine ann a ghabhas airgead, bhon tha mòran de luchd-turais a' tighinn a-steach an seo far nam busaichean.

"Ann an dòigh tha e nas fheàrr nach eil iad ceangailte ri eaglais sam bith, bhon tha saorsa aca nì a dhèanamh a-staigh an seo as urrainn dhaibh.

"Tha fhios agam fhèin, tha am fuaimneachadh a-staigh an seo cho math, agus 's e àite math a bhiodh ann airson ceòl a bhith ann, agus airson taisbeanadh," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.