Comhairle Phàrant BSGI a' fuireach

  • 25 An t-Samhain 2013
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Cha bhi Comhairle Phàrant BSGI a-nise a' fàgail an dreuchdan.

Dh'innis Comhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis nach bi iad a-nise a' leigeil dhuibh an dreuchdan.

Iarraidh iad ge-tà, mìneachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd air cuid de phuingean.

Ghairm na buill coinneamh èiginn na bu thràithe sa mhìos is mì-thoileachas ann mu mar a chaidh ceannard stèidhichte fhastadh dhan sgoil.

Chaidh an obair a thoirt do Jim Lyon, a bha na cheannard eadar-amail aig an sgoil agus a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Bristeadh-dùil

'S e bristeadh-dùil a bha sin do Chomhairle nam Pàrant, is iad ag iarraidh cheannard a bha fileanta sa chànan.

Tha e a-nise air tighinn am bàrr gun do dh'iarr pàrantan eile na sgoile air Comhairle nam Pàrant fuireach nan dreuchdan, agus gun do dh'aontaich iad sin a dhèanamh.

Thug na buill mìneachadh do phàrantan eile aig a' choinneimh air mar a chaidh am pròiseas a làimhseachadh.

Thuirt iad gun robh trì prionnsabalan aca fhèin.

  • Gur e ceannard le Gàidhlig an rud a bu chudromaiche.
  • Gun dèanadh Comhairle na Gàidhealtachd measadh air comasan proifeasanta gach tagraiche, is mur a bhiodh na comasan ceart aig tagraiche 'son dreuchd cheannaird nach ruigeadh iad an agallamh mu dheireadh.
  • Chuireadh Comhairle nam Pàrant taic ri ceannard gun Ghàidhlig mur a biodh tagraiche leis na comasan a tha a dhìth a' ruighinn agallamh mu dheireadh.

Leis gun robh co-dhiù aona thagraiche eile ann a bha fileanta sa Ghàidhlig aig an agallamh mu dheireadh, tha e follaiseach gun robh co-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd na bhristeadh-dùil dha na pàrantan.

Ged nach fhàg iad na dreuchdan aca a-nise, iarraidh Comhairle nam Pàrant air Comhairle na Gàidhealtachd soillearachadh a dhèanamh air grunn phuingean.

Tha iad airson is gun innis an t-ùghdarras ionadail dè an taic a bheir iad dhan cheannard gus Gàidhlig ionnsachadh, agus ciamar a nì iad measadh air inbhe is cleachdadh na cànain san sgoil thar an ath dhà bhliadhna.

Dreuchdan

Thuirt na pàrantan gun obraich iad còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd 'son beachdachadh air na bhios iad a' sùileachadh bho thagraichean 'son dreuchdan aig BSGI san àm ri teachd.

A bharrachd air sin, iarraidh iad air an ùghdarras mìneachadh a thoirt air a' phròiseas aca 'son dreuchdan ann am foghlam Gàidhlig a lìonadh air feadh na sgìre, is ciamar a thèid sin a làimhseachadh san àm ri teachd.

Thug iad cuireadh do Stìuiriche agus Cathraiche an Fhoghlaim tighinn don ath-choinneimh de na pàrantan 'son mineachadh a thoirt seachad.

Thuirt na pàrantan cuideachd gu bheil iad a' cur làn-taic ris a' cheannard ùr aig an sgoil.