Geàrr-liosta aig ICT

  • 22 An t-Samhain 2013
Caley Thistle Image copyright SNS
Image caption Tha Caley Thistle ann an deagh shunnd, fiù 's ged nach eil manaidsear aca an-dràsta, a rèir Richie Foran.

Tha Caley Thistle Inbhir Nis an dòchas gum bi manaidsear ùr aca ro dheireadh na mìos.

Dhearbh an cluba gu bheil iad air geàrr-liosta de thagraichean a chur ri chèile 'son a dhol an àite Terry Butcher, a ghluais gu Hibs.

Thuirt cathraiche Chaley Thistle, Kenny Camshron, gu bheil an t-uamhas air ùidh a shealltainn san obair.

"Tha sinn taingeil dhan fheadhainn a tha air tighinn air adhart.

"Tha sinn an dùil a-nise agallamhan a dhèanamh leis na tagraichean.

"Miann"

"'S e ar miann gum bi manaidsear ùr againn mus cluich sinn an aghaidh Morton ann an Cupa na h-Alba air an 30mh den mhìos," thuirt e.

Thuirt sgiobair a' chluba, Richie Foran, gu bheil na cluicheadairean ann an deagh shunnd, a dh'aindeoin is gu bheil iad gun mhanaidsear an-dràsta.

"Bha fìor dheagh sheachdain againn an seo," thuirt Foran.

"Tha deagh spiorad againn an seo is tha urram aig na balaich dhomhsa agus do Dhonnchadh Shearer is Scott Kellacher agus dhaibh fhèin. Tha sinn a' dèanamh rudan san dòigh cheart an seo," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile