Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cead ga dhiùltadh do dh'fharmasaidh

22 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dhiùlt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar cead a thoirt seachad airson farmasaidh a stèidheachadh ann am Beinn nam Fadhla.

Chaidh draghan mòra a thogail cheana sa choimhearsnachd mun bhuaidh a bhiodh ann air ionadan-dotair a tha mar tha a' sgaoileadh an cuid chungaidhean fhèin.

Bha an fheadhainn a bh' air cùl nam planaichean ag ràdh gun robh iad airson piseach a thoirt air seirbheisean meidigeach na sgìre.