Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fàs na Gàidhlig an Glaschu

22 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Gàidhlig a' fàs ann an Glaschu - aig an dearbh àm 's tha i a' crìonadh anns na sgìrean dùthchail.

Sheall figearan a' chunntas-sluaigh an t-seachdain seo gu bheil an cànan a' dol air ais anns na coimhearsnachdan far an robh i bho thùs glè làidir.

Chaidh Iain MacDiarmaid cuairt anns a' bhaile mhòr feuch cò às a thàinig an t-àrdachadh - agus bheil leasanan ann a ghabhas ionnsachadh ann an oidhirp stad a chur air a' chrìonadh anns na h-eileanan.