Aonta na Pàirce gus dol air adhart

  • 22 An t-Samhain 2013
A' Phàirc
Bha an t-uachdaran a' cur an aghaidh oidhirp na coimhearsnachd roimhe.

Ghabh muinntir na Pàirce ann an Leòdhas ri aonta a chaidh a ruighinn leis an uachdaran aca, Barry Lomas, airson an oighreachd a cheannach don choimhearsnachd.

Bha Mgr Lomas a' cur an aghaidh iarrtas na coimhearsnachd o chionn iomadh bliadhna, 's e a' cumail a' mach gun robh Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (2003) a' dol an aghaidh a chuid chòirichean daonna.

Ach ràinig e fhèin agus riochdairean bho Urras na Pàirce aonta na bu thràithe air a' mhìos, fo an deadh an oighreachd a reic le a thoil, nan deadh cùis-lagha a tha na aghaidh a leigeil seachad.

Fon Achd, tha còir aig a' choimhearsnachd toirt air uachdaran oighreachd a reic riutha an aghaidh a thoil, ach 's e seo a' chiad shuidheachadh far an deach sin fheuchainn, agus cha tàinig co-dhùnadh laghail air a' chùis.

Aig coinneimh phoblaich ann an Grabhair oidhche Ardaoin, bhòt muinntir na sgìre airson a dhol air adhart a rèir an aonta sin, agus an oighreachd, agus an gabhaltas eadar-amail (a tha co-cheangailte ri còirichean chumhachd ath-nuadhachail) a cheannach air suim £500,000.

Tha sin nas motha na bha iad air pàigheadh nam feumadh Mgr Lomas an oighreachd a reic riutha às dèidh breithneachaidh laghail.

Tha Urras na Pàirce misneachail gun tèid a' phrìs a mhaoineachadh le Stòras Fearainn na h-Alba, Comhairle na h-Alba, agus maoine a th' aig an Urras fhèin.

Thuirt an t-Urras gu bheil an t-aonta a chaidh a ruighinn a' leigeil leotha a dhol air adhart nas luaithe, gur ann leis a' choimhearnsachd a bhiodh an oighreachd air fad seach dà uachdaran a bhith ann, agus gum biodh barrachd smachd air agus buannachd aig a' choimhearsnachd bho chothroman a thaobh chumhachd ath-nuadhachail.