Gainnead thidsearan air Ghàidhealtachd

Sgoil 'S ann air sgoiltean a tha fada bho Inbhir Nis as motha a tha an trioblaid a' bualadh.

Tha duilgheadas aig cuid de sgoiltean air Ghàidhealtachd an curriculum slàn a theagasg ri linn gainnead thidsearan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur shanasan anns na pàipearan-naidheachd feuch tidsearan eadar-amail fhastadh.

Thuirt Cathraiche Comataidh nan Seirbheisean Inbheach is Cloinne aig a' Chomhairle, Alasdair Christie, gu bheil na dusanan de luchd-teagaisg a bharrachd a dhìth.

Tha feum gu sònraichte air luchd-teagaisg eadar-amail sa Gheamhradh, ri linn tidsearan a bhith dheth 's iad tinn.

Tha an gainnead a' toirt buaidh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus air cuspairean tro mheadhan na Beurla.

"'S e trioblaid uabhasach a th' ann air Ghàidhealtachd," thuirt Mgr Christie.

"Tha gainnead thidsearan ann bho Inbhir Nis gu ruige a' chosta an iar agus Dùthaich MhicAoidh.

"'S e fear de na h-adhbharan air culaibh seo, gu bheil feadhainn a bha deònach a bhith nan tidsearan eadar-amail roimhe a-nis air co-dhùnadh nach eil iad deònach tuilleadh.

"Cuideachd, tha aonta nàiseanta a tha a' fàgail nach fhaigh daoine uiread pàighidh air a shon an-diugh," thuirt e.

Thuirt Mgr Christie gun robh a bhith a' teagasg a' churriculum iomlan ann an sgoiltean na dhùbhlan mòr dhan Chomhairle an-dràsta.

'S ann air sgoiltean ann an àiteachan a tha fada bho Inbhir Nis as motha a tha an duilgheadas a' bualadh.

Tha comhairlean eile ann an Alba cuideachd a' faighinn duilgheadas ri linn gainnead luchd-teagaisg eadar-amail.

Tha Aonadh an EIS ag ràdh gur e an t-adhbhar as motha, gu bheil gearradh air tighinn air na gheibh luchd-teagaisg eadar-amail de phàigheadh.

Tha dùil cuideachd gu bheil barrachd thidsearan òga a' faighinn chosnaidhean làn-ùine, 's nach eil iad rim faotainn tuilleadh airson obair eadar-amail.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.