Farmasaidh Bheinn nam Fadhla ga dhiùltadh

Ionad an Dotair

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air cur an aghaidh plana airson farmasaidh ùr a stèidheachadh ann am Beinn nam Fadhla.

Bha an fheadhainn a bh' air cùl nam planaichean ag ràdh gun robh iad airson piseach a thoirt air seirbheisean meidigeach na sgìre.

Ach, bha dragh mòr ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air ionadan dotair a tha an-dràsta a' sgaoileadh an cuid chungaidhean fhèin.

Thuirt Comataidh nan Ionadan Farmasaidh, nan cuid mhionaidean, nach robh iad air an sàsachadh gun robh iarrtas air an leithid san sgìre:

Dìth tuigse
Farmasaidh Bha dragh ann gun toireadh an fharmasaidh droch bhuaidh air seirbheisean meidigeach san sgìre.

"Tha a' Chomataidh a' dol gu tur an aghaidh a' mhìneachaidh a thug an tagraiche air an nàbachd, ri linn 's gu bheil i ro mhòr, ro dho-ruigsinneach, agus nach toireadh i seirbheis cheart do sheann daoine agus daoine so-leònta gu seachd àraid.

"Chunnacas dìth tuisge anns an tagradh de chùisean àrainneachail, còmhdhail agus siostam an t-sòlair, (a thaobh luchd-farmasaidh iondail agus a bhith a' giùlain stuthan chun na farmasaidh) agus na dùbhlain ris am feumte dèiligeadh a thaobh seirbheis fhrithealaidh.

Start Quote

Cha bhiodh e gu maith a' phobaill a bhith a' fosgladh farmasaidh nach glèidheadh... seirbheisean farmasail don t-sluagh”

End Quote Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

"Chan eil an-dràsta seirbheis fhrithealaidh agus tadhail dachaigh mar phàirt den chùmhnant, agus cha b'urrainnear iad sin a chleachdadh mar bhun-stèidh co-dhùnaidh a thaobh an tagraidh.

Maith a' Phobaill

"Cha robh a' Chomataidh den bheachd gun do bheachdaich an tagraiche gu h-iomlan air seasmhachd na farmasaidh. Cha bhiodh e gu maith a' phobaill a bhith a' fosgladh farmasaidh nach glèidheadh, san ùine ghoirid, mheadhanaich agus fhada, seirbheisean farmasail don t-sluagh, agus bhiodh cunnart na lùib do chùram euslainteach.

"Chan eil dùil gun èirich àireamh an t-sluaigh san àm ri teachd gu ìre a dhearbhadh don Chomataidh gum biodh tagradh gus seirbheisean farmasail a thoirt seachad maireannach san àm ri teachd."

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.