Chan atharraich poileasaidh sailleadh CnES

  • 21 An t-Samhain 2013

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach toir iad atharrachadh air poileasaidh sailleadh nan rathaidean aca ach ann an cùis èiginn nuair a thig iarrtas bho na Poilis.

Chaidh am poileasaidh a dheasbad aig tè de chomataidhean an ùghdarrais Diciadain.

Chaidh fhàgail orra gun do dhiùllt iad làraidhean salainn a chur a-mach, bho chionn cola-deug, air an aon oidhche 's a chaidh bus le 11 duine air bòrd far an rathaid ann an Leòdhas.

Tha cuid de chomhairlichean a bha a' putadh 'son atharrachadh sa phoileasaidh ag ràdh gu bheil co-dhùnadh na Comhairle a' fàgail dhaoine ann an suidheachadh doirbh.