Cead do chrainn-ghaoithe Uibhist

  • 20 An t-Samhain 2013
Rocaidean
Tha an MoD draghail mun bhuaidh air an rèadar aca, co-cheangailte ri raon nan rocaidean.

Thug Comataidh Àrainneachd is Seirbheisean Dìon Comhairle nan Eilean Siar cead airson dà chrann-gaoithe le Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath.

Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil an MoD air feuchainn ri stad a chur orra aig a h-uile ceum, 's iad ag ràdh gum biodh iad nan cunnart dhan rèadar a th' aca air feadh Uibhist agus ann an Hiort.

Chuala a' Chomataidh gun robh co-dhiù sia dòighean ann san gabhadh rèadar agus crainn-ghaoithe obrachadh còmhla.

Bha buill a' càineadh an MoD airson a bhith a' cur bacadh air leasachaidhean anns na h-eileanan.

Tàmaillteach

"Tha mi uabhasach toilichte anns a' chiad àite, thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e uabhasach cudromach gun toireadh a' Chomhairle taic dhan choimhearsnachd leis an iomairt a tha seo.

"'S tha mi a' toirt taing mhòir dha na buill ann an seo airson an taic sin a thoirt dhan choimhearsnachd, agus a dhèanamh gu math soilleir an taic a tha iad a' toirt dhaibh.

"'S e rud uabhasach mòr, uabhasach cudromach a th' ann.

"Bha sinn an dòchas gun tigeadh an MoD gu coinneimh ann an Steòrnabhagh agus gun dèanadh iad follaiseach na draghannan a bh' orra, 'son gum faigheamaid tuigse nas fheàrr dheth.

"Tha mi a' smaoineachadh aig an ìre seo nach eil iad air an tuigse sin a thoirt dhuinn, 's tha an iomairt a tha seo air a' bhith a' leantainn a-niste airson naoi mìosan.

"Tha sinn air ar dìcheall a dhèanamh am faighinn chun a' bhùird.

"Bha sin caran tàmaillteach, mar a tha na buidhnean mòra sin, mar a dh'fhaodas iad sinn a chur an dàrna taobh, agus nach eil iad ag èisteachd ri beachd na coimhearsnachd fhèin," thuirt e.

Bha aon phìos fhiosrachaidh a bha aig a' Chomataidh ann an àm airson deasbad, ach nach deach a dheasbad leis gun robh e air maill a chur air a' chùis.

"Thàinig beachdachadh o speisealach ann an rèadar eile a bha Companaidh Leasachaidh Uibhist a tuath air fhaighinn air a dhèanamh.

"Ach nam biodh sin air a dhol chun na Comataidh an-diugh, bha e air an gnothach a chur dheth airson grunn sheachdainnean eile gum faiceadh an MoD am beachd a bha an duine sin a' toirt seachad.

"Agus dh'fheumamaid-ne an gnothach a thoirt gu crìch an-diugh, a thaobh nam feed-in tarrifs," thuirt e.

Beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba a-niste air a' chùis.