Comhairle a' sgrìobhadh gu Flybe

  • 19 An t-Samhain 2013
Itealan Flybe
Image caption Dùinidh Flybe an t-ionad a th' aca aig Port-adhair Inbhir Nis, am measg eile.

Sgrìobhaidh Comhairle nan Eilean Siar chun na companaidh adhair Flybe is dragh orra gun tèid seirbheisean chun nan eileanan a ghearradh.

Dh'ainmich Flybe an t-seachdain seo chaidh gun dùin sia de na h-ionadan aca aig puirt-adhair air feadh na dùthcha.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh gealladh bhon chompanaidh nach tèid lùghdachadh a dhèanamh air na seirbheisean aca anns na h-eileanan.

"Tha sinn ag iarraidh orra mìneachadh dha-rìribh dè tha fa-near dhaibh, dè tha sin gu bhith a' ciallachadh ma tha iad gu bhith a' dùnadh ionadan, agus gu sònraichte Inbhir Nis," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Agus an uair sin gum faic sinn dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh sin a thoirt air na seirbheisean.

"Ged is e Loganair a tha a' ruith nan seirbheisean a-mach às Inbhir nis dha na h-Eileanan, 's dòcha nach bi buaidh mhòr sam bith.

"Tha Loganair mar thà air leigeil fios nach eil iadsan a' faicinn gum faodadh diofar mòr sam bith a bhith ann.

"Ach tha sinn dìreach airson dearbhadh fhaighinn air dè fèar a tha fa-near dhaibh, agus sinn fhìn obrachadh a-mach am biodh buaidh aige sin an dàrna taobh no an taobh eile co-dhiù," thuirt e.

Tha Flybe ag ràdh gu bheil iad fhathast ag amas air seirbheisean gu sgìrean air feadh Bhreatainn, agus thuirt Loganair nach toir na tha san amharc aig Flybe buaidh air an luchd-obrach acasan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile