Seachd carbadan an tubaist air an A9

  • 19 An t-Samhain 2013

Tha seachd carbadan air a bhith an sàs ann an tubaist-rathaid aig cearcall-rathaid an Todhair air an A9 anns an Eilean Dubh.

Thuirt na Poilis nach eileas den bheachd gun deach duine a ghoirteachadh, a thachair mu 11:02m.

Tha ceithir de na carbadan air an droch mhilleadh, 's feumaidh iad a bhith air an toirt air falbh le sgiobannan togail.

Thachair an tubaist air taobh a tuath a' chearcaill-rathaid, agus tha pìos den rathad air a bhacadh.

Tha luchd-smàlaidh agus luchd-eiridinn cuideachd aig an làraich.