Oidhirp gus Tiriodh a cheannach don choimhearsnachd

  • 19 An t-Samhain 2013
Tiriodh Image copyright Oliver Dixon / Geograph
Image caption Sgrìobh an t-Urras gu MacCailein Mòr a' sireadh coinneimh.

Tha dùil gun tòisich sgrùdadh anns a' Bhliadhna Ùir air plana 'son Tiriodh a cheannach do mhuinntir an eilein.

Chan eil an t-eilean air a' mhargaidh ach tha Urras Leasachaidh Thiriodh ag iarraidh an sgrùdaidh an dèidh dha tighinn am follais gu bheil a' mhòr-chuid den t-sluagh den bheachd gum bu chòir sealbh a bhith aig a' choimhearsnachd air an fhearann, a bhuineas do Dhiùc Earra-Ghàidheal.

"Tha mi a' smaointinn aig bun a' ghnothaich gun robh daoine a' smaointinn gun robh feum rudeigin a dhèanamh air shàileabh an t-suidheachaidh a tha sinn ann san eilean, agus gum feum rudeigin gu math mòr a dhèanamh," thuirt Dòmhnall Caimbeul Urras Leasachaidh Thiriodh.

"Tha an sluagh a' dol sìos gu mòr agus tha sinn a' faicinn gum feum sinn gnothaichean a bhith nar làimh fhèin airson diofar a dhèanamh.

"Cha b'urainn dhomh a ràdh gu bheil Diùc Earra-Ghàidheal dona mar uachdaran don eilean, ach chan urrainn dhaibhsan a bhith cho easgaidh 's as urrainn fearann nan robh e air a ruith bhon eilean fhèin.

"Chan urrainn dhaibh fhios a bhith aca gu dè tha a dhìth agus a bhith cho freagairteil 's a bhitheadh sinn fhèin.

"Agus cuideachd tha a h-uile feum a tha a' tighinn bhon eilean a' fàgail an eilein an ceartuair, agus tha sinne a' smaointinn gum biodh e nas fheàrr nam fanadh e san eilean.

"Tha sinn dìreach a' tòiseachadh air bruidhinn ris an oighreachd. Tha sinn an dèidh sgrìobhadh riutha a' siubhail coinneimh, agus tha sinn an dòchas gun tachair sin an dàrna cuid an taobh seo den Bhliadhna Ùir no dìreach às dèidh na Bliadhna Ùire," thuirt e.

Tha an t-Urras ag ullachadh airson measadh comais a dhèanamh air na h-amasan aca.

Tha dùil gum bi sin deiseil mun àm seo an ath-bhliadhna, agus thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air an uair sin.

"Tha sinn an dòchas ma bhios sinn a' bruidhinn ris an Diùc, nach fheum sinn a dhol gu lagh, agus gum bi an oighreachd ag obair leinn," thuirt Mgr Caimbeul.

"Tha an gnothach ag atharrachadh gu mòr ma tha an oighreachd ag obair leinn," thuirt e.