Crìonadh mòr sa Ghàidhlig anns na h-Eileanan

Nis 'S e paraiste Bharabhais ann an Leòdhas as làidire sna h-Eileanan Siar, a rèir nam figearan.

Dà mhìos an dèidh dhan Chunntas-Sluaigh innse nach tàinig lùghdachadh mòr sam bith air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu nàiseanta, tha am fiosrachadh as ùire ag ràdh gu bheil an cànan a' crìonadh gu mòr anns na sgìrean far an robh i, gu traidiseanta, làidir.

Anns na figearan ùra bhon Chunntas-Sluaigh, a chaidh fhoillseachadh Diardaoin, thuit an àireamh a tha a' bruidhinn na Gàidhlig anns a h-uile paraiste anns na h-Eileanan an Iar.

'S e Slèite an aon àite san Eilean Sgitheanach far nach robh lùghdachadh, agus an luchd-labhairt san sgìre suas ceathrar.

Ged a bha ìsleachad 11% ann an Tiriodh, gu 38%, 's e a an t-eilean eile far a bheil cuid mhath fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig.

Chunnaic baile Ghlaschu, Siorrachd Lannraig agus Dùn Èideann am measg eile air Tìr Mòr àrdachadh beag ge-tà.

Chan eil aoisean an luchd-labhairt an cois nam figearan ùra seo, ach thàinig fios gu bheil 25,000 duine a' cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh.

Coimeas

Ann an coimeas ris na figearan bho Chunntas-sluaigh 2001, agus 1991, tha crìonadh leantainneach follaiseach anns an luchd-labhairt sna h-Eileanan Siar.

Barraigh - 761 duine ga bruidhinn, 62% (1991 - 954 76%; 2001 - 778 68.5%)

Uibhist a Deas (agus Beinn nam Fadhla) - 1,888 duine ga bruidhinn, 60.5 % (1991 - 2,540 65%; 2001 - 2,079 67%)

Uibhist a Tuath - 887 duine ga bruidhinn, 61.5% (1991 - 1,211 76%; 2001 - 1,022 69%)

Na Hearadh - 1,212 duine ga bruidhinn, 60.4% (1991 - 1,861 - 82%; 2001 - 1,447 70%)

Paraistean Leòdhais:

Barabhas (Siabost gu Nis) 2,037 duine ga bruidhinn, 64% (1991 - 3,024 87%; 2001 - 2,281 75%)

Sgìre nan Loch 942 duine ga bruidhinn, 53% (1991 - 1,493 77%; 2001 - 1,097 62.5%)

Sgìre Ùige Leodhais (Uig suas gu Dail Mòr) 873 duine ga bruidhinn, 56% (1991 - 1,267 79%; 2001 - 1,046 70%)

Steòrnabhagh - sin am baile, an Rubha agus sìos gu Tolastadh) 5,492 ga bruidhinn, 43% (1991 - 7,196 57.5%; 2001 - 5,973 51%).

Tha Anna NicSuain, a th' air a bhith an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig o chionn iomadh bliadhna, den bheachd gu bheil an t-àm ann airson crathadh mòr a thoirt air mar a thathas a' dèiligeadh ris a' Ghàidhlig aig ìre choimhearsnachd, agus ann am foghlam sna h-Eileanan.

Roghainn

"'S i a' cheist mhòr, a bheil sinn air ruighinn an rud ris an can eòlaichean cànain an "tipping point"? thuirt i.

Start Quote

Cha bu chòir roghainn a bhith aig duine anns na coimhearsnachdan ann an seo. Bu chòir siostam dà-chànanach dhan a h-uile duine a bhith ann.”

End Quote Anna NicSuain Leòdhas

"Far a bheil cùisean air ruighinn na h-ìre far nach eil ann ach slighe sìos fad na h-ùine.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-eaglaisean air dearbhadh dhuinn gu bheil sinn air an ìre sin a ruighinn.

"Tha iadsan air mothachadh gu bheil iad air an tipping point a ruighinn, agus 's ann ann an glè bheag de dh'eaglaisean a chluinneas tu seirbheisean Gàidhlig an-diugh.

"Cluinnidh tu air an rèidio gu bheil seirbheris Ghàidhlig gu bhith ann, 's tha sin ag innse dhut gu bheil cùisean air ruighinn ìre nach eil falainn.

"Gabhaidh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, agus 's e an rud as deatamaiche, gun tèid coimhead ri siostam foghlaim ceart a tha a' freagairt air feumalachdan nan coimhearsnachdan anns an robh a' Ghàidhlig agus anns a bheil i gu ìre fhathast.

"Ghabh na h-Eileanan an Iar ri modal a chaidh a dhealbh bho na bailtean mòra. Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean.

"Cha bu chòir roghainn a bhith aig duine anns na coimhearsnachdan ann an seo. Bu chòir siostam dà-chànanach dhan a h-uile duine a bhith ann.

"Far a bheil an fheadhainn a tha a' tighinn a-steach gun Ghàidhlig a' dèanamh bogadh aig an fhìor thoiseach. Mar a tha iad a' dèanamh ann sna h-aonadan Gàidhlig.

"Ach 's e an rud a tha a' tachairt, gu bheil an fheadhainn a tha a' tighinn bho theaghlaichean Gàidhlig, gu bheil a' chlann aca cho fileanta a' dol dhan sgoil, 's gur ann a thathas a' milleadh an cuid cànain le an cur a-steach ann an suidheachadh mar sin.

"Cha do chuir mise mo chlann tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, air sgàth 's nach robh mi a' smaoineachadh gur e rud ceart.

"Chan eil "critical mass" againn sna coimhearsnachdan seo ann de chloinn.

"Agus nuair a thig a' chlann a-mach às na h-aonadan Gàidhlig, feumaidh iad tòiseachadh a' bruidinn Beurla ris an fheadhainn a tha a' fuireach ri an taobh.

"Bhiodh e tòrr na bu chiallaiche coimhead a-rithist ris na h-Eileanan, ri sgìre Bharabhais, ri sgìre Uibhist is Bharraigh 's dòcha mar phìleatan airson faicinn dè ghabhas dèanamh.

"Anns na 70an, bha siostam mìorbhailleach a' dol againne anns na h-Eileanan nuair a bha am pròiseact dà-chànanach a' dol.

"Cha robh duine a' gearain nach robh roghainn ann. Bha e nàdarrach, 's bha e furasta dha daoine, 's bha e a' dèanamh an fheadhainn aig nach robh an cànan a' faireachdainn included.

"Feumaidh sinn a bhith a' cruthachadh rudan taobh a-muigh nan sgoiltean cuideachd, a tha a' dol a thoirt taic chan ann a-mhàin dhan chloinn, ach dhan cuid phàrantan.

"Feumaidh sinn cuideachd anns na coimhearsnachdan seo a bhith a' cumail nan seann daoine againn. Tha sinn a' cur nan seann daoine againn a-mach às na coimhearsnachdan.

"Tha tòrr de rudan a dh'fheumas ceangal an-àirde ri chèile. Cùisean croitearachd cuideachd, feumaidh sin a bhith air a ceangal an-àirde.

"Tha sinn a' coimhead ri foghlam, 's tha sinn a' gabhail ri foghlam a chaidh a dhealbh airson nam bailtean mòra.

"Tha sinn a' coimhead ri sàbhaladh airgid, 's tha sinn a' cur nan seann daoine air falbh. Chan eil cothroman cosnaidh anns na coimhearsnachdan a tha seo.

"Tha miann am measg an t-sluaigh airson a' Ghàidhlig a chumail. 'S e sin an rud a tha mise a' cluinntinn bho dhaoine, 's tha iad uabhasach toilichte a bhith ann an suidheachaidhean far an urrainn dhaibh a bhith nàdarrach 's a' bruidhinn a' chànain.

"Agus tha sin fìor mu dheidhinn daoine a tha a' tighinn a-steach cuideachd. Tha iad airson an cothrom a bhith aca a bhith a' cluinntinn na Gàidhlig air a bruidhinn," thuirt i.

An t-Eilean Sgitheanach

Thàinig fàs de cheathrar air na bha de luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an Slèite, ach sa chòrr den Eilean Sgitheanach, bha crìonadh ann.

2011 2011 (%) 2001 2001 (%) 1991 1991 (%)

Cille Mhoire 365 46 461 57 519 73

Slèite 344 39 340 44 301 47

Snìseart 410 31 481 44 572 47

Port Rìgh 866 30 996 37 1,090 43

Bràcadal 201 26 264 36 348 49

Duirinis 330 23 446 32 672 50

An Srath 397 22 487 29 608 38

Tha Murchadh Peutan, a bha an sàs fad iomadh bliadhna ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, den bheachd nach gabh a-niste stad a chur air a' chrìonadh sna sgìrean far an robh a' Ghàidhlig uair làidir.

"Tha breugan ann, 's dearg-bhreugan, 's an uair sin staitistigean," thuirt Mgr Peutan.

"Ma sheallas tu dìreach air na percentages mar sin a-mhàin, chan eil sin a' toirt dhut an deilbh cheart.

"Oir tha àireamh an t-sluaigh ag atharrachadh cuideachd, agus feumaidh tu sin fhactaradh a-steach.

Start Quote

Ged a bhiodh iad gu math bàidheil a thaobh na Gàidhlig, chan eil iad a' dol a dh'ionnsachadh 's a' dol a chleachdadh na Gàidhlig.”

End Quote Murchadh Peutan An t-Eilean Sgitheanach

"Ach le bhith ag ràdh sin, chan eil teagamh sam bith an t-àireamh air a dhol sìos.

"Cha eil teagamh sam bith agamsa nach eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus craoladh Gàidhlig a' dèanamh feum mhòir, ach 's e rud a chuir iomgain is dragh ormsa, 's e seo - mur a h-eil Gàidhlig a' dol a bhith air a cleachdadh mar an cànan làitheil anns na coimhearsnachdan, tha eagal orm gum bi strì mhòr ann airson Gàidhlig a chumail.

"Tha mi cinnteach gun dèan sgoiltean Gàidhlig na h-uidhir, ach tha e uabhasach duilich fhaicinn, mar eisimpleir anns an Eilean Sgitheanach tha àireamh an t-sluaigh anns a' chumantas a' dol suas.

"Ach gu mì-fhortannach don Ghàidhlig, chan e luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a tha seo, ach coigrich.

"Agus tha a' mhòr-chuid dhiubh sin aig meadhan-aois, tha iad an dèidh an dreuchd a leigeil seachad, 's tha iad a' tighinn a dh'fhuireach ann an sgìrean mar seo.

"Nise, ged a bhiodh iad gu math bàidheil a thaobh na Gàidhlig, chan eil iad a' dol a dh'ionnsachadh 's a' dol a chleachdadh na Gàidhlig.

"Agus tha e uabhasach doirbh fhaicinn mar sin, ciamar a tha a' Ghàidhlig gu bhith na cànan coimhearsnachd," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.