Sùil eile air Pàirce Nàiseanta na Hearadh

Beanntan na Hearadh  Thuirt Ramalairean na h-Alba gum bu chòir na Hearadh a dhèanamh na pàirce nàiseanta.

Tha Comhairle nan Eilean Siar deònach coimhead uair eile ri iarrtas gus inbhe pàirce nàiseanta a thoirt dha na Hearadh, cho fad 's gur ann bhon choimhearsnachd a thigeadh e.

Thuirt Ramlairean na h-Alba gum bu chòir na Hearadh an inbhe seo fhaighinn agus an gnothach ga dheasbad sa Phàrlamaid Albannaich oidhche Chiadain.

Cha do chuir a' Chomhairle an taic ris an oidhirp mu dheireadh bho chionn dà bhliadhna gus an inbhe a thoirt dhan àite.

"Tha sinn deònach gu leòr coimhead ri rudan a-rithist, 's tha sinn an dèidh sin a dhèanamh," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Agus nam b'e 's gun robh an t-iarrtas a' tighinn bho mhuinntir na Hearadh, ach ma 's cuimhne leam bha grunn anns na Hearadh cuideachd nach robh airson gun deadh pàirce nàiseanta a dhèanamh anns na Hearadh.

"Dh'fheumadh sinn a-rithist a bhith a' coimhead ris a' h-uile càil a tha sin gu cunbhallach.

"Bha dha-rìribh an Riaghaltas ag ràdh nach putadh iadsan air adhart mur an robh a' Chomhairle airson gun deadh an leasachadh air adhart.

"'S e am prìomh adhbhar nach robh sinn airson sin a dhèanamh aig an ìre sin, nach robh conaltradh sam bith ann air a dhèanamh le daoine air taobh a-muigh chrìochan na pàirce a bha gu bhith air a stèidheachadh," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.