Companaidh eile nach pàigh 'son rathaid

  • 14 An t-Samhain 2013
Comhairle na Gàidhealtachd
Bha Tullochs airson na ceudan thaighean a thogail an cois an rathaid ùir.

Dh'fhaodadh nach fhaigh Comhairle na Gàidhealtachd sgillinn ruadh bho chompanaidh-togail iondail mu choinneimh nan cosgaisean airson ceangal-rathad an iar Inbhir nis.

Tha am BBC a' tuigsinn gun do dh'aontaich a' chompanaidh Tulloch Homes airgead a chur ris a' phròiseact nam biodh an rathad air a thogail ro 2011.

'S iad Tulloch an dàrna companaidh leis an do thachair seo.

Dh'fhosgail bùth mhòr Tesco ann an sgìre Nis den bhaile ann an 2011.

Deich bliadhna ron a sin, dh' aontaich Tesco £340,000 a chur ri cosgais pròiseact an rathaid nan rachadh a thogail ro 2011.

Chuir Tulloch Homes cùmhnant air dòigh leis a' Chomhairle cuideachd.

Bha iad airson na ceudan thaighean a thogail faisg air a' bhùth ùir.

Bhiodh aca ris na mìltean notaichean a thoirt dhan ùghdarras ionadail ann an cosgaisean leasachaidh, leis gum fosgladh an rathad ùr cothroman.

Ach cha deach an rathad a thogail fhathast, agus leis nach deach cumail ris a' chùmhnant a bh' ann, dh'fhaodadh nach fheum iad airgead sam bith a thoirt don Chomhairle.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach robh iad air bruidhinn ri fir-lagha Tulloch Homes.

Cha robh duine bhon chompanaidh deònach bruidhinn.