Mullach Knight a' call inbhe Rothach

  • 13 An t-Samhain 2013
Mullach Knight bho Sgòr nan Gillean
Ged a tha inbhe a' mhullaich air atharrachadh, 's e dùbhlan a th' ann fhathast a shreap.

Tha sgurr sa Chuiltheann san Eilean Sgitheanach ga thoirt far liosta nam mullach Rothach leis gu bheil e rud beag nas lugha na bhathas den bheachd.

Bha Mullach Knight clàraichte mar mullach Rothach leis gun robhar a' dèanamh dheth gun robh e 3,002 troigh de dh'àirde.

Feumaidh beanntan agus mullaichean Rothach a bhith còrr is 3,000 troigh.

Ach an dèidh rannsachadh a rinnear le uidheamachd GPS tha luchd-sgrùdaidh a-nis ag ràdh gu bheil Mullach Knight sia òrlaich goirid air 3,000 troigh.

Cha robh am mullach clàraichte mar bheinn Rothach fa-leth leis gun robh e ro fhaisg air beinn Rothach eile, a tha nas àirde.

Le sin, ma thathar ag amas air na beanntan Rothach air fad a shreap tha 282 fhathast ri dhèanamh.

Uidheamachd ùr

Tha Mullach Knight mar phàirt de Sgurr nan Gillean agus chaidh ainmeachadh an dèidh W Knight, a' chiad duine a tha clàraichte a shreap chun a' mhullaich bho chionn 140 bliadhna.

Thuirt Iain Barnard, fear den luchd-measaidh a bha a' sgrùdadh àirde a' mhullaich, gun robh uidheamachd GPS a' ciallachadh gun urrainnear a-nis figear tòrr nas cinntiche fhaighinn.

"Chan eil e a' toirt càil air falbh bhon bheinn.

"Tha a' bheinn fhathast ann an sin.

"'S i beinn air leth a th' innte fhathast.

"'S e dìreach an inbhe aice a tha air atharrachadh," thuirt Mgr Barnard.

Dùbhlan

Thuirt Alasdair Milner, a tha a' co-òrdanachadh chlàran àirde bheanntan do Chomann nan Rothach, nach eil iongnadh sam bith ann gu bheil cuid de bheanntan agus mullaichean a' call inbhe ri linn adhartais ann an teicneòlas ùr.

"Tha sinn airson gum bi an liosta cho ceart 's a ghabhas," thuirt e.

A rèir Mhgr Mhilner tha iad a' cur ris an obair a rinn Sir Uisdean Rothach, a thòisich a' clàradh nam beanntan as àirde còrr is ceud bliadhna air ais.

Tha Mgr Milner den bheachd gum bi luchd-sreap fhathast a' feuchainn air a' mhullach leis gu bheil e duilich faighinn suas thuige.

Fhuair an aon sgioba gun robh mullach Rothach eile san Eilean Sgitheannach, Fiacaill a' Bhàisteir, ceithir troighean nas àirde na bhathar den bheachd.

An-uiridh chaidh inbhe Beinn a' Chlaidheimh faisg air Ulapul atharrachadh bho Rothach gu Corbett.

Tha beanntan Corbett eadar 2,000 - 3,000 troigh de dh'àirde.