Sgìre na Pàirce
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Adhartas anns a' Phàirc?

13 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Urras Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas air aonta a ruighinn leis an uachdaran mu a bhith a' gabhail seilbh air an oighreachd às leth na coimhearsnachd.

Thèid an aonta fhoillseachadh gu poblach aig coinneimh 21mh an t-Samhain, far an tèid iarraidh air sluagh na sgìre taic a chur ris.

Tha muinntir na Pàirce air a bhith ùine mhòr a' feuchainn ris an talamh a cheannach an aghaidh toil an uachdarain, agus tha a' chùis fhathast ga deasbad sa chùirt.

Tha tuilleadh aig Aonghas Domhnallach.