Co-chomhairleachadh nan MPA seachad

  • 13 An t-Samhain 2013
Ròin Image copyright Andy Hay
Image caption Tha na sgìrean ag amas air fiadh-bheatha agus àrainneachd na mara a dhìon.

Tha co-chomhairleachadh air lìonra de Sgìrean Dìon Mara (MPA) timcheal chosta na h-Alba a' tighinn gu ceann Diciadain.

Tha sgìrean MPA ag amas air fiadh-bheatha agus àrainneachd na mara a dhìon.

Tha cuid de bhuidhnean glèidhteachais ag ràdh nach eil iad a' dol fada gu leòr, ach aig a' cheart àm tha iasgairean anns na h-Eilanan an Iar air draghan a thogail mun bhuaidh a dh'fhaodadh iad a thoirt air a' ghnìomhachas aca.

Chaidh 33 làraichean ann an Alba ainmeachadh mar àitichean far am faodadh MPA a bha stèidhichte, bho Shealtainn gu Cluaidh.

Tha na làraichean sin a' comharrachadh 12% de dh'uisgeachan na h-Alba air fad.

Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gum bi iad cudromach ann a bhith a' toirt àrainneachd mhara fhalainn, thorraich agus mheasgaichte gu buil.

Rinn a' bhuidheann ghlèidhteachais an RSPB càineadh air na planaichean, 's iad ag ràdh gur beag a tha iad a' dèanamh airson eòin mhara na h-Alba a dhìon.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile