50 cosnadh do Stafainn

  • 13 An t-Samhain 2013
Maorach
Image caption Chan eil na h-obraichean gu bhith air beag-thuarastal.

Thathas an dòchas gum faodadh suas ri 50 cosnadh a chruthachadh à plana gus ionad giollachd èisg 's maoraich a stèidheachadh ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Tha Skye Sea Harvest Eta air a bhith a' còmhradh ri urras leasachaidh na sgìre agus thèid beachd an t-sluaigh a shireadh mu an cuid mholaidhean.

"'S e gum bi àite gnìomha gus a bhith air a thogail, far am bi a' chompanaidh ùr a tha seo a' dèiligeadh ri deasachadh èisg agus maoraich airson a' mhargaid," thuirt Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach.

"Anns a' chiad àite, tha iad a' bruidhinn air eadar 40 agus 50 obair.

"'S e obraichean a tha seo aig ìre gu math àrd.

"Chan eil sinn idir a' bruidhinn air daoine a bhith air an tuarastal as ìsle.

"Bidh obair theicneòlais agus obair gu math ùr agus annasach airson na sgìre againne a' tighinn a-mach à seo.

"Tha sinn aig toiseach-tòiseachaidh, agus thathar dòchasach, thairis air tìde, gum fàs an àireamh," thuirt e.