Poileasaidh dibhe na Gàidhealtachd ga atharrachadh

  • 12 An t-Samhain 2013
Deoch-làidir
Image caption Thèid am poileasaidh atharrachadh air feadh na Gàidhealtachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air am poileasaidh a thaobh cead bhùithdean deoch-làidir a reic airson òl aig an taigh atharrachadh.

Tha iad airson lùghdachadh a thoirt air na tha de bhùithdean deoch-làidir gan cur air bhonn san sgìre.

Tha dragh ann gu bheil suas ri 40% de dh'inbhich ann an cuid de sgìrean ag òl barrachd na na thathas a' moladh de dheoch-làidir san t-seachdain, no san là.

Chuala buill de Bhòrd-ceadachd na Gàidhealtachd torraidhean rannsachaidh madainn Dimàirt a rinn NHS na Gàidhealtachd air trioblaidean slàinte a tha gan cruthachadh san sgìre le daoine a bhith ag òl cus.

Dh'aontaich buill gu luath nach robh am poileasaidh a bh' ann airson ceadan a thoirt seachad freagarrach.

Chuala iad gun robh na Poilis air an taic a chur ri bhith an dùil cead a dhiùltadh do ghnìomhachasan nas motha na meud àraid ann an sgìrean bochda far a bheileas ag aithneachadh trioblaid le deoch-làidir. Ach dhiùlt iad sin, 's bhòt iad airson am poileasaidh air feadh na Gàidhealtachd atharrachadh.

Thuirt an Comh. Richard Laird, às Inbhir Nis, gum biodh e ceàrr a bhith ag amas air sgìrean bochda a-mhàin, seach gu bheil trioblaidean dibhe a' cehart cho dualtach a bhith a' bualadh air sgìrean eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile