Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na h-Eileanan Filipìneach

Thèid iomairt thar-bhuidhnean fhoillseachadh le carthannasan ann am Breatainn a tha ag amas air taic a thoirt do dhaoine anns na h-Eileanan Filipìneach, agus na ceudan mhìltean dhaoine a' cur feum air biadh, bùrn agus fasgadh, an dèidh mar a bhuail Typhoon Haiyan air an sgìre. Tha Comataidh nan Tubaistean Èiginneach (DEC) a tha a' riochdachadh 14 carthannas ann am Breatainn, a' cur ìmpidh air daoine na 's urrainn dhaibh a thoirt seachad dhan iomairt. Tha sin a' tighinn agus long bhon Chabhlach Rìoghail a' dèanamh air an sgìre airson taic a chur ris an iomairt.

A' Phàirc

Thèid coinneamh a chumail nas fhaide air a' mhìos ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas, agus urras na sgìre a' beachdachadh air diofar roghainnean a thaobh a bhith a' gabhail seilbh air an fhearann. Thèid beachdachadh air dà roghainn fa-leth, a' toirt a-steach gabhail ri aonta saor-thoileach, no a dhiùltadh agus leantainn orra nan iomairt laghail an aghaidh uachdarain na sgìre. Thèid a' choinneamh a chumail air an 21mh là den mhìos ann an Sgoil na Pàirce ann an Grabhair.

EDF Energy

Dh'fhoillsich a' chompanaidh chumhachd EDF gun tèid na prìsean aca an-àirde, ach aig ìre fada nas ìsle na chaidh fhoillseachadh le companaidhean cumhachd mhòra eile. Chì luchd-cleachdaidh EDF àrdachadh de 3.9% bhon Fhaoilleach. Tha EDF ag ràdh gun urrainn dhaibh àrdachadh nas lugha a thoirt air na prìsean seach gu bheil iad den bheachd gun geàrr an Riaghaltas cuid de na tha iad a' togail bho chunntasan dhaoine airson an àrainneachd a dhìon.

An Atmhorachd

Tha ìre na h-Atmhorachd air tuiteam - sin a rèir Clàr an Luchd-ceannaich - chun na h-ìre as ìsle ann an còrr air bliadhna. Tha figearan ùra bho Oifis Nàiseanta nan Staitistig ag ràdh gun do thuit an ìre gu 2.2% san Damhair, bho 2.7% anns an t-Sultain.

Loch Baghasdail - Malaig

Cha deach tòiseachadh air sgeama pìleat mar a bha còir an-diugh air seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig. Chaidh an seòladh a chur dheth ri linn na droch shìde. Thuirt CalMac gur e briseadh-dùil a th' ann dhaibh ach gum feumadh iad sàbhailteachd an luchd-siubhail agus sgioba an aiseig a chur air thoiseach air càil eile. Tha dùil a-nis gum bi a' chiad sheòladh a Mhalaig ann madainn Disathairne.

An A96

Agus thèid cothrom a thoirt do dhaoine bho mheadhan là an-diugh na diofar roghainnean airson planaichean gus rathad an A96 eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain a dhèanamh dà-fhillte fhaicinn. Thèid sreath de thachartasan a chumail air feadh na sgìre a' taisbeanadh nam planaichean. An-diugh thèid am faicinn aig Taigh-òsta an Golf View ann an Inbhir Narann.