Aonta air fàire sa Phàirc?

  • 12 An t-Samhain 2013
Leumrabhagh Image copyright Rose and Trev Clough / Geograph
Image caption Tha a' choimhearsnachd airson an oighreachd a cheannach on uachdaran.

Coinnichidh muinntir na Pàirce ann an Leòdhas 21mh an t-Samhain airson aonta a chaidh a ruighinn leis an uachdaran mu bhith a' cur na h-oighreachd ann an làmhan na coimhearsnachd a dheasbad.

Tha a' choimhearsnachd air a bhith a' feuchainn o chionn deich bliadhna ris an oighreachd a cheannach, ach chan eil Barry Lomas air a bhith deònach thuige seo, 's e ag ràdh gu bheil Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn a' dol an aghaidh a chuid chòirichean daonna.

Ach tha Urras na Pàirce a-niste ag ràdh gun tàinig iad gu aonta saor-thoileach, fo am biodh iad a' faighinn seilbh air a' chuid as motha den oighreachd.

Fon aonta dh'fheumadh iad pàigheadh barrachd na phàigheadh iad nan tugadh air an uachdaran an oighreachd a reic an aghaidh a thoil.

Dheadh cuideachd a' chùis-lagha fo Earrainn 3 de dh'Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn a tha ga togail an aghaidh an uachdarain a leigeil seachad.

Bhiodh cha-mhòr an oighreachd gu lèir leis a' choimhearsnachd, ach chumadh an t-uachdaran sealbh air an làraich far an tèid stèisean-dealain Gràbhair, agus tha Oighreachd Ìsginn an dùil sgìre eadar Loidse Ìsginn agus Steimreabhagh a cheannach.

Bhiodh an t-Urras na uachdaran thar na h-oighreachd gu lèir, às leth na coimhearsnachd.

Thèid bhòtadh air an aonta sin aig a' choinneimh nas fhaide den mhìos, agus faodaidh an sluagh gabhail ris, no a dhiùltadh.

Tha cùis na Pàirce ga faicinn mar dheuchainn do neart reachdais ath-leasachaidh an fhearainn, leis gur e a' chiad turas a tha uachdaran air diùltadh oighreachd a reic ris a' choimhearsnachd.

Fo Earrainn 3 den Achd, faodaidh coimhearsnachd oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Thèid a' choinneamh a chumail ann an Sgoil na Pàirce ann an Grabhair.