CNES fo ìmpidh mu shailleadh rathaidean

  • 11 An t-Samhain 2013

Tha Comhairle nan Eilean Siar fo ìmpidh sùil às ùr a thoirt air a' phoileasaidh aca air sailleadh nan rathaidean, às dèidh mar a thàinig bus far an rathaid ann an Leòdhas oidhche Dhiardaoin.

Thachair an tubaist, le bus Galson Motors, tuath air Newmarket air Mòinteach Bharbhais.

Chaidh 11 duine a thoirt dhan ospadal às dèidh na tubaiste - ach cha robh gin aca air an droch ghoirteachadh.

Thàinig e am bàrr gun robh na poilis air iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar an rathad a shailleadh air an oidhche sin, ach nach deach sin a dhèanamh.

Thuirt a' Chomhairle ge-tà, gun robh uisge air a bhith ann an oidhche sin a thuilleadh air reòthadh 's, mar sin, nach biodh sailleadh an rathaid air feum a dhèanamh.

Thuirt iad cuideachd nach toireadh iad beachd air na dh'adhbhraich an tubaist seo.

Cuideam

Tha an comhairliche Leòdhasach Dòmhnall "Cudaig" MacLeòid ag ràdh ge-tà, gum feumar airgead a lorg a leigeas leotha na rathaidean a chumail aig ìre tron Gheamhradh.

"Tha beagan sàbhalaidh air a dhèanamh bhon Gheamhradh a chaidh agus 's dòcha gun gabh sin a thoirt dhan bhliadhna seo agus gun dèan e eadar-dhealachadh eadar a bhith a' cur nan gritters a-mach 's dòcha rud beag nas tràithe neo rud beag nas anmoiche," thuirt e.

Tha dragh airsan gu sònraichte mu staid nan rathaidean nuair a bhios clann nan eilean a' siubhal air ais 's air adhart dhan sgoil.

Sgrìobh BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNeìll, chun na Comhairle cuideachd, ag iarraidh orra coimhead a-rithist ris a' phoileasaidh saillidh aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile