A' tighinn gu Tràigh Iain Ghròt

  • 11 An t-Samhain 2013
Sean Conway
Chaidh Mgr Conway a losgadh 10 tursan mu aodann le muir-tèachd.

Ràinig fireannach a bha a' snàmh o Land's End gu ruige Taigh Iain Ghròt a cheann-ùidhe.

Dh'fhàg Sean Conway, a tha 32 agus à Cheltenham, Land's End air 30mh an t-Ògmhios, agus rinn e a shlighe suas costa an iar Bhreatainn - a' chiad duine a th' air an t-slighe sin a shnàmh.

135 làithean às dèidh dha tòiseachadh, ràinig e Taigh Iain Ghròt ann an Gallaibh Diluain. Thuirt e gur e an t-euchd a bu dhuilghe a rinn e riamh.

"Tha e dìreach a' sealltainn, ma chuireas tu rud romhad, gun gabh rud sam bith dèanamh," thuirt e.

"'S e an rud a bu dhuilghe a bhith a' seasamh ris an aimsir, an fhuachd agus am muir-tèachd a bhith nam aodann.

"B'fheudar dhomh a' chùis-mhagaidh d' fheusag seo fhàs airson bacadh a chur orra bho bhith gam losgadh," thuirt e.

Chaidh a losgadh le muir-tèachd 10 tursan.

Chuir Mgr Conway seachad 90 làithean den 135 a' snàmh, 's e a' fuireach a-mach às an uisge na làithean eile ri linn droch shìde.

Anns an ùine sin, shnàmh e 900 mìle, agus tha e an dùil gun do rinn e trì millean stròc.

Sna seachdainnean mu dheireadh, tha a ghiall air a bhith cho fuar 's nach b'urrainn dha biadh cruaidh a chagnadh, 's b'fheudar dha purreé ithe.