Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:02m

11 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cuimhneachadh

Chumar dà mhionaid de shàmhchar airson 95 bliadhna bho thàinig a' Chiad Chogadh gu ceann a chomharrachadh. Tha seirbheisean a' dol ann an ionadan airm, eaglaisean, sgoiltean agus tallaichean baile. Tha carthannas nam feachdan armaichte, Legion Rìoghail Bhreatainn, a' cumail an tachartais bhliadhnail aca ann an Ceàrnag Trafalgar.

Na h-Eileanan Filipìneach

Thuirt Rùnaire an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta, Justine Greening, gur dòcha gun do rinn an typhoon anns na h-Eileanan Filipìneach, barrachd sgrios na an tsunami là às dèidh na Nollaige ann an 2004. Rinn Typhoon Haiyan milleadh mòr anns an dùthaich Dihaoine. Tha eagal ann gun do bhàsaich 10,000 duine ann an aon bhaile. Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gun robh iadsan a' cur £6m de chobhair dhan dùthaich. Tha Ms Greening ag ràdh gu bheil e cudromach an taic as urrainnear a thoirt seachad a chur dha na h-eileanan.

Grèim-cridhe

Tha luchd-rannsachaidh ann an Oilthigh Dhùn Èideann den bheachd gu bheil dòigh ùr aca tuairmse a dhèanamh cò an fheadhainn as buailtiche grèim-cridhe fhulaing. Tha iad a' cleachdadh scan a chaidh a chleachdadh roimhe ann an leigheas aillse, 's a tha a' sealltainn saill a dh'fhaodadh stopadh anns na cuislean.

Greenpeace

Tha e air a thighinn am follais gu bheil iad a' gluasad 30 luchd-Greenpeace a tha gan cumail an grèim san Ruis bho phort Murmansk gu St Petersburg. Bidh e a' ciallachadh gu bheil e nas fhasa do luchd-lagha agus càirdean an luchd-iomairt tadhail orra anns a' phrìosan. Tha sianar Bhreatannach nam measg.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha tuilleadh chomharran ann gu bheil piseach a' tighinn air eaconamaidh na h-Alba. A rèir Clàr Prìs an Luchd-Ceannaich aig Banca na h-Alba, thàinig àrdachadh mòr air obair ùr air a' mhìos mu dheireadh. Bha àrdachadh beag ann an òrdughan às-mhalairt. Seo an ceathramh aithisg as dòchasaiche bho thòisichear gan dèanamh ann an 1999.

Leabharlainn Mhoireibh

Tha luchd-iomairt a tha a' strì airson seachd leabharlainn an an Sgìre Mhoireibh a chumail fosgailte a' sireadh òrdugh laghail eadar-amail airson stad a chur orra bho bhith a' dùnadh. Tha Vivienne Hendry, a tha na ball den bhuidhinn Save Our Libraries, air tagradh a dhèanamh airson taic-ionmhais laghail gus a' chùis a thoirt gu Cùirt an t-Seisein. Thuirt a' Chomhairle gum feum iad gearraidhean a dhèanamh anns a' bhuidseat aca.