Tidsear Gàidhlig a dhìth ann am Muile

  • 11 An t-Samhain 2013
Clann-sgoile
Thathas an dùil an sgoil san t-Sàilean a leudachadh.

Thathas a' cur feum air tidsear Gàidhlig eile ann am Muile.

Tha an àireamh sgoilearan san ionad Ghàidhlig aig Bun-Sgoil an t-Sàilein gu math falainn, ach tha an sgoil air tidsear Gàidhlig a chall.

Chan eil ann a-nis ach dithis luchd-teagaisg.

A rèir Sheumais Westland bho Chomhairle nam Pàrant ann am Muile, chan eil gu leòr ann an sin.

Gainnead Nàiseanta

"Feumaidh sinn triùir airson an rud a chumail a' dol," thuirt e.

"Leis na th' againn de sgoilearan an-dràsta, agus an suidheachadh a' sìor-ghluasad air adhart, tha na h-àireamhan a' dol suas.

"Tha a' chlann a' tighinn bhon a h-uile ceàrn de cheann a tuath Mhuile. Tobar Mhoire, Dearbhaig, an Sàilean, 's tha na h-àireamhan a' sìor-dhol an-àirde.

"Tha an-dràsta 36 sgoilearan againn a' faighinn am foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha e a' coimhead glè mhath a thaobh àireamhan nan sgoilearan a th' againn.

"'S e an duilgheadas as motha a th' againn, 's e gainnead de thidsearan.

"Tha an sgoil-àraich làn an-dràsta, agus tha plana ann airson a leudachadh. Tha i ro bheag mar a tha i an-dràsta airson na h-àireimh de sgoilearan.

"Gu nàiseanta, tha gainnead thidsearan ann. 'S e ceist de dh'iarrtas agus solar a th' ann.

"Tha an t-iarrtas ann airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach chan eil na tidsearan ann.

"Tha beàrnan air feadh na dùthcha," thuirt e.

Tha Comhaire Earra-Ghàidheal is Bhòid an-dràsta a' feuchainn ri tidsearan a thàladh a dh'àiteachan leithid Mhuile.

"'S e àite snog a th' ann am Muile. Tha thu faisg air Tìr Mòr, chan eil thu fada bho Ghlaschu 's àiteachan eile," thuirt Mgr Westland.

"Chan eil e mar na h-eileanan a-muigh, fhios 'ad, far a bheil thu fada air falbh bho Thìr Mòr.

"'S e àite beòthail a th' ann am Muile. Tha tòrr a' dol air adhart, agus 's e àite math a th' ann airson cloinne.

"Ma tha duine a' coimhead airson obair-teagaisg, 's e àite math a' th' ann," thuirt e.