Planaichean an A96 gan taisbeanadh

  • 11 An t-Samhain 2013
Rathad Image copyright PA
Image caption Tha dùil gum bi an rathad air fad dùbailte ro 2030.

Thèid na roghainnean airson seach-rathad Inbhir Narann, agus obair tòiseachaidh 'son an A96 a dhèanamh na rathad dùbailte a thaisbeanadh an t-seachdain seo.

Foillsichidh Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, na slighean air a bheileas a' coimhead airson am pìos rathaid eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann a leasachadh.

Tha dùil gun tèid an rathad eadar Inbhir Nis agus Obar Dheadhain air fad a dhèanamh dùbailte ro 2030.

Tha ìmpidh ga cur air coimhearsnachdan a tha suidhichte air, no a tha faisg air an A96, an cuid bheachdan a thoirt seachad air na planaichean.

Thuirt an Comh. Liz NicDhòmhnaill, a tha na ceannard sgìre 'son Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè, gu bheil e cudromach do dhaoine innse mar a tha iad a' faireachdainn mu na molaidhean.

Chithear na planaichean Dimàirt aig Taigh Osta an Golf View ann an Inbhir Narann, agus thèid an taisbeanadh nas fhaide air adhart san t-seachdain ann an Inbhir Nis, Farrais, Baile Chèith, Eilginn agus Fachabar.