Sgeama hydro air fàire am Muile

  • 8 An t-Samhain 2013
Uisge
Image caption Tha dùil gun tòisich obair-togail tràth sa bhliadhna ùir.

Cuiridh companaidh a tha airson sgeama hydro a stèidheachadh ann an Eilean Mhuile iomairt air bhonn Dihaoine airson suas ri millean nòt a chruinneachadh le bhith a' reic earrainnean.

Tha 'Green Energy Mull' an dòchas nas urrainn dhaibh de dh'airgead fhaighinn iad fhèin airson gluasad air adhart leis a' phròiseact a thèid a thogail air taobh sear an eilein.

Thathas an dòchas gun cruthaich an sgeama hydro seo 1,100 MW de chumhachd gach bliadhna.

Thèid cothrom a thoirt do dhaoine suas ri £20,000 a chur a-steach dhan sgeama, agus dòchas ann gum faighear 4-5% dheth air ais às dèidh na dàrna bhliadhna.

Chaidh a' chompanaidh Green Energy Mull a stèidheachadh le buidhnean sa choimhearsnachd.

Gheibh gach ball a cheannaicheas £250 de dh'earrainnean na h-aon chothroman bhòtaidh.

Tha dùil gun tòisich obair-togail 'son an sgeama hydro tràth an ath-bhliadhna.