Fo-thaghadh san Eilean Dubh

  • 8 An t-Samhain 2013

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dùil aca ri fo-thagadh a chumail air an ath-mhìos 'son comhairliche ùr a thaghadh dhan Eilean Dubh.

Tha feum air comhairliche ùr às dèidh bàs Billy Barclay.

Chaochail Mgr Barclay, a bha na chomhairliche dhan sgìre fad deich bliadhna, air a' mhìos a chaidh aig aois 62.

Tagraichean

Feumaidh tagraichean an ainmean a chur air adhart ron 18mh den t-Samhain.

Ma bhios barrachd na aon tagraiche ann, bidh am fo-thaghadh ann Diardaoin an 19mh den Dùbhlachd.

Rachadh na bhòtaichean a chunntadh an ath-là ann an Ionad Spòrs an Eilein Duibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile