Stuth an Ùdail ga thilleadh a dh'Uibhist

  • 7 An t-Samhain 2013
An Ùdal, Uibhist a Tuath Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thòisich Ian Crawford a' cladhach aig an Ùdal ann an 1963.

Thèid stuth arceòlais a fhuaireadh san Ùdal ann an Solas a thoirt air ais a dh'Uibhist a Tuath.

Thèid an stuth, a chaidh a lorg thairis air 35 a chur fo chùram Mhuseum nan Eilean sa chiad àite.

Aig a' cheann thall thathas an dòchas ionad ùr a thogail 'son an stuth a stòradh agus a thaisbeanadh.

Làrach chudromach

'S e Ian Crawford a tha air a bhith aig stiùir na h-obrach-acreòlais rè nam bliadhna.

Tha esan ag ràdh gu bheil an làrach fìor chudromach aig ìre eadar-nàiseanta.

"Chan urrainnear cus a ràdh mu cho cudromach 's a tha an t-àite ann an eachdraidh na h-Alba," thuirt Mgr Crawford.

Thathas air na mìltean mòra chriomagan fianais a lorg ann agus bhon a sin thathas a' dèanamh dheth gun robh daoine a' fuireach air an làraich fad 5,000 bliadhna bhon Linn Neolithic gu na 1900an.

Chan eil làrach eile ann am Alba far an robh daoine a' fuireach cho fada.

Thèid an stuth a chaidh fhaighinn a thilleadh gu na h-eileanan aon uair 's gun tèid a sgrùdadh.

Tha an comhairliche Uibhisteach Uisdean Robasdan air a dhòigh gun do shoirbhich le tagradh Comhairle nan Eilean Siar tasglann an Ùdail fhaighinn dha Museum nan Eilean.

Image copyright CnES
Image caption Chaidh an t-uabhas stuth a lorg san Ùdal thar nam bliadhnaichean.

"'S e rud uabhasach mòr a th' ann dhuinn, tha mi a' creidsinn, o chionn 's bho chionn ceithir neo còig bliadhnaichean air ais cha robh fhios aig duine againn càite an robh an stuth a bha seo, agus dh'fhaodadh gum biodh e air a chall.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' Chomhairle agus a' choimhearsnachd a' dèanamh uabhasach math cho sgiobalta 's a tha an stuth seo, bhon a fhuairear a-mach càite an robh e, mar a tha sgrùdadh air a dhèanamh a-staigh ann, agus mar a tha e a-nis ann an làmhan Mhuseum nan Eilean fhèin.

Ionad ùr

Fhuair an obair-sgrùdaidh air an stuth a chaidh a lorg taic ionmhais bho Alba Eachdraidheil.

Tha Urras Esmee Fairburn a-nis air airgead a thoirt seachad 'son pròiseict dà bhliadhna airson an rannsachadh a leasachadh le taic oilthighean.

Bidh iad cuideachd a' rannsachadh cò às a dh'fhaodadh airgead a thighinn 'son Ionad Àrceòlais agus Àrainneachd ann an Uibhist far a bheileas an dòchas a thèid stuth an Ùdail a chur air a' cheann thall.

Fiù 's 'son fhaighinn gu Museum nan Eilean tha mòran cosgais na lùib, agus dh'fhaodadh gun toir e bliadhnaichean an stuth air fad a thilleadh gu na h-eileanan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo