Nàisean am broinn nàisein - na Gàidheil ann an Alba

  • 7 An t-Samhain 2013
Alba
Image caption Am bu chòir coimhead air Alba tro phrospaig eile?

Tha gu leòr ga ràdh mu dheidhinn "nàiseantas" agus "còirichean nàisean" anns an deasbad mu referendum neo-eisimeileachd na h-Alba.

Ach, tha beachd ùr inntinneach air nochdadh gur dòcha gur e "nàisean" a th' anns na Gàidheil cuideachd - aon de ghrunn "nàiseanan" a tha nam pairt de dh'Alba.

Agus, tha an argamaid a' dol, bu chòir na Gàidheil agus culturan eile còirichean a bhith aca ann an stàit "ioma-nàiseantach."

Tha Iain MacFhionnghain na rannsaiche air coimhearsnachdan is cultar, agus ann an artaigil air-loidhne tha e a' cur ceist anns an dòigh sa bheileas a' coimhead air a' Ghàidhlig, agus dualchasan eile, taobh a-staigh na h-Alba.

Nàisean de dh'eileamaidean

"An-dràsta tha daoine air feadh Alba a' bruidhinn agus a' smaoineachadh mu dheidhinn an deasbaid air neo-eisimeileachd," thuirt e.

"Air mo shon-sa, mar Ghàidheal, tha ceistean mòra ann nach eil mise a' cluinntinn.

"'S e na ceistean sin a tha mi a' togail anns a' phìos a sgrìobh mi.

"Ceistean mar dè bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh dha na Gàidheil?

"Agus dè an t-àite a th' aig a' Ghàidheal ann an Alba an-diugh? Gu dearbha, cò sinn an-diugh?

"Dè seòrsa ceangail a th' againn ri Alba gu lèir?

"'S e ceangal làidir agus dlùth a th' ann, ach chan e ceangal sìmplidh a th' ann, agus chan e ceangal buileach toilichte a th' ann," thuirt e.

Tha Mgr MacFhionnghain a' togail air mar a tha gu leòr de dh'Albannaich an aghaidh na Gàidhlig, 's cultar nan Gàidheal, ga faicinn mar rud nach buin dhaibh, agus mar sin, mar rud a bu chòir a chumail air falbh bhuapa.

'S e an argamaid a tha MacFhionnghain a' dèanamh, gu bheil daoine a' faicinn cultair is fèin-aithne Albannaich mar aon rud, agus fear Gàidhealach mar rud eile.

An àite sin, tha e a' togail na ceiste, a bheil còir a bhith a' faicinn nan Gàidheal mar aon nàisean am measg grunn eile a tha a' dèanamh an-àirde na h-Alba, 's air a' bun-stèidh sin, a bhith a' tagradh airson chòirichean mar a dhèanadh nàisean sam bith, mar phàirt de nàisean mhòr iomadh-fhillte.

"Mar Ghàidheil, ma tha sinn a' creidsinn rud a tha eadar-dhealaichte, no sònraichte, agus ma tha sinn a' tuigsinn gum bu chòir an rud sin a ghlèidheil, dè na dòighean a th' againn airson sin a dhèanamh?" thuirt e.

"Agus dè na còirichean a tha a dhìth oirnn airson an rud sin a chumail no a ghlèidheil?

"Ciamar a tha na còirichean sin ceangailte ri neo-eisimeileachd no fèin-dearbhadh?

"Sin an t-seòrsa cheistean a tha mi a' togail anns an artaigil seo," thuirt e.

An àite a bhith a' gabhail eagail ron Ghàidhlig, 's ro na Gàidheil, am b'urrainn do dhaoine an Alba nach eil a' faicinn gum buin i idir dhaibh, gabhail rithe mar aon eileamaid de nàisean mhòr na h-Alba a tha airidh air còirichean nàisein cuideachd ged nach eil iad fhèin airson a bhith nam pàirt dhith?

Tha fhios nach fhaigh an t-seòrsa feallsanachd sin cus àite san deasbad mhòr ron referendum.

Ach dh'fhaodadh gu bheil toiseach-tòiseachaidh an seo air dòigh ùr air cor nan Gàidheal a chur an cèill.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile